Page 1 of 1

Scots speechless as Irish boy lands 'Gaidhlig' role

Posted: Wed Jan 27, 2010 2:26 pm
by Gràisg
'A YOUNG Irish boy will star in a new Hollywood movie after film makers failed to find a native Gaelic speaker in Scotland.

Scots are furious with the decision of UK film producers to choose nine-year-old Thomas Henry for one of main roles in 'The Eagle of the Ninth'.

They searched the length and breadth of Scotland but couldn't find a suitable Gàidhlig (Scottish Gaelic) speaker and instead chose Henry, from west Belfast.

English and Gaelic are spoken in the new film by director Kevin MacDonald, whose previous credits include 'The Last King Of Scotland'.

The movie tells the story of a Roman legion which disappears in Scotland. Its main characters include a Gaelic-speaking youth called Seal Boy, played by Thomas Henry'

Saoilidh mi gu bheil na meadhanan a' dèanamh cus dheth, 's e film caran neònach a th'ann nam bheachdsa. Carson nach bi na Ròmanaich a' bruidinnn laideann? :-) Ged a bhios am balach ud bruidhinn dual-chainnt Gaeilge bidh an fheadhainn eile fhathast bruidhinn Gàidhlig a-rèir coltais. Nan robh thusa a' cluinntinn Gàidhlig/Gaeilge san taigh-dhealbh airson a chiad uair am biodh e gu mòran diofar dhut? A thaobh eachdraidh 's e direach sgudail a th'ann co-dhiù.

Tuilleadh an seo:
http://www.independent.ie/entertainment ... 33124.html

Posted: Wed Jan 27, 2010 9:31 pm
by Neas Olc
The movie tells the story of a Roman legion which disappears in Scotland.
Ach aig an àm sin cha robh na Gàidheail fiu's ann an Alba- no air a char as lugha, bha iad (na h- Eireannaich à Dal Riada) fhathast a tighinn a stiagh sna h-eileanan siar! Cha robh na dà chanain fiu's eadar dhealaichte- so chan eil mi a tuigsinn dè cho codthromach's a tha an diofar eadar Gàidheal Albanach no Eireanach san fhilm.

Tha a h-uile rud mu dheidhinn làn neonach.

Posted: Wed Jan 27, 2010 11:06 pm
by Thrissel
'S dòcha gun chì sinn am film ann an liosta mar seo
http://entertainment.timesonline.co.uk/ ... 738785.ece
aig deireadh na bliadhna. Cha d'fhuair Alba a-rèir Hollywood a' chiad àite le Braveheart, seo cothrom ùr... :priob:

Posted: Thu Jan 28, 2010 12:42 am
by Seonaidh
Aidh, dè an cànan aig Calgacus?

Mas urrainn do Dhick van Dyke pàirt fhaighinn mar Lunnainneach ann am Mary Poppins, smathaid gun urrainn do bhalach bho Èirinn a Tuath pàirt fhaighinn mar Gàidheal.

Re: Scots speechless as Irish boy lands 'Gaidhlig' role

Posted: Thu Jan 28, 2010 7:41 am
by GunChleoc
Nuair a bhios tu airson film a dhèanamh, bidh thu a' lorg na cleasaichean a tha nas fhreagarraiche dhut. Sin e.

A thaobh an leabhair, 's e ficsean a th' ann seach eachdraidh, agus innisidh an ùghdar seo anns an roi-ràdh. Leugh mi e sa Ghearmailtis nuair a bha mi òg is chòrd e rium glan glan. Cha robh mi a' smaoineachadh idir gum b' e an fhìrinn a bhiodh ann. 'S e ùr-sgeul a th' ann agus tha e sgrìobhte ann an dòigh mhath.

Posted: Thu Jan 28, 2010 8:00 am
by AlasdairBochd
Tha thu ceart a Ghuncleoc, dè thachair ach chaidh iad (an legion) às na sgrìobhainnean.

Co dhuibh, ma bhios Gàidhlig sam bi anns na cluasan na ghoill grèiseag, bithinn gu math toilichte.

Posted: Thu Jan 28, 2010 9:24 pm
by Tearlach61
Uill, tha mo chuid iomgain a'dol am as ùr mu suidheachadh na Gàidhlig. Thadh iad Èireannach air sgàth nach iad lorg air balach dhen aois a bha comasach gu leòr sa chànan.

A bharrachd air a h-uile aireamh breugach dhen statistics, s e seo an comharrach gu bheil Gàidhlig a'bàsachadh.

Posted: Thu Jan 28, 2010 9:49 pm
by An Gobaire
Tha mi smaointinn gun deach aithris gun d' fhuair iad lorg air balaich aig an robh Gàidhlig, ach nach robh iadsan freagarrach airson a' phàirt oir cha robh gu leòr de "sgoinn" is "spionnadh" annta. Dh' fhaodadh gu bheil sin ag innse rudeigin mu fhallainneachd cuirp is anam balaich na Gàidhealtachd; air neo, dìreach nach robh sealbh air luchd-rannsachaidh a' film an turas seo! 'S tric a bhios e fairtleachadh air stiùiriche fhilmichean mòra am pearsa "ceart" fhaighinn airson a' charactar anns an fhilm.

Bidh Gàidhlig na h-ALba ga bruidhinn san fhilm le pearsachan a bhios anns an aon treubh ris a' ghille seo ge-tà...ach chan eil fios agam fhèin dè an aois a bhios iad.