Alasdair H Caimbeul san Albannach
'Is iomadh nì a tha a dhìth air Gàidhlig ma tha i gu bhith beò mar chànan ann an seagh susbainteach sam bith san ùine fhada. Ach a rèir nan daoine a tha air cùl a' phròiseict rannsachaidh ùir Soillse, tha aon rud air a bheil cruaidh fheum againn ma tha sinn a' dol a thuigsinn dè dha-rìribh a tha a' tachairt nar coimhearsnachdan agus se sin fianais dhearbhte.
Mar a tha Prionnsabal Sabhal Mòr Ostaig, Boyd Robasdan, a' mìneachadh: "Tha feadhainn air togail mu thràth nach e sgrùdadh acadeimigeach a tha dhìth, ach sgrùdadh a bheir freagairt dhaibh, a leigeas leotha poileasaidhean a thogail. Ach chanainn gu bheil feum agad air an dà chuid: tha feum agad air sgrùdadh acadeimigeach a tha gu math domhainn agus gu math cinnteach, se dearbhadh agus fianais a tha dhìth air dè dha-rìribh a tha tachairt sna sgoiltean agus sna coimhearsnachdan . Tha feum agad air sgrùdadh a leigeas le Bòrd na Gàidhlig, an Riaghaltas, HIE no ge b'e cò eile tha an sàs anns a' chùis, togail air na bunaitean sin, gus am bi fios aca le cinnt gu bheil iad air an t-slighe cheart, 's gus an tuig iad carson a tha rudan a' tachairt."'
Tuilleadh an seo:
http://news.scotsman.com/gaelic/Agus-th ... 6028291.jp