Page 1 of 1
Ràdh na seachdaine 3
Posted: Sun Jan 31, 2010 5:07 pm
by An Gobaire
A' dol ann am muinchill cuideigin.
Tha mi a' smaointinn nach eil an ràdh seo doirbh a thuigsinn mas e is gu bheil sibh eòlach air an fhacal "muinchill".
'S iad "muinchillean" na dhà rud pìobanach air geansaidh no còta anns an tèid do ghàirdeanan.
Mar sin, ma tha thu "a' dol ann am muinchill cuideigin", ann an seagh da-rìreadh, tha thu a' cur do ghàirdeanan anns na muinchillean a th' aig cudeigin eile.
Dè tha sin a' ciallachadh ma-tà?
Dh'fhaoidte gu bheil thu a' leantainn ann an ceum-coise neach eile. Tha thu a' dèanamh na bha iadsan a' dèanamh, mar is dual dhuit.
Chaidh e ann am muinchillean athair le bhith a' gabhail anns an arm. - 's e sin gun do ghabh e anns an arm, dìreach mar a rinn athair roimhe.
A bheil duine sam bith san teaghlach agad fhèin, a chaidh ann am muinchill cuideigin eile san teaghlach agaibh?
Ràdh coltach Beurla a thaobh ciall
He followed in his father's shoes /footsteps by joining the army.
Ràdh coltach Frangais a thaobh ciall
Il marche sur les pas de son père./Il suit les traces de son père
Re: Ràdh na seachdaine 3
Posted: Wed Feb 03, 2010 8:29 pm
by Muiris
Chaidh e ann am muinchillean athair le bhith a' gabhail anns an arm.
Carson a tha e
ann am muinchillean an àite
anns na muinchillean no
anns a' mhuinchill?
Posted: Wed Feb 03, 2010 9:03 pm
by akerbeltz
ann am muinchillean athair
= ann am muinchillean (a) athair
the sleeves of his father i.e. it's a string of nouns. Compare:
ann an seòmar
anns an t-seòmar
ann an seòmar caileig
ann an seòmar na caileig
ann an seòmar mo chaileig
Remember that rule that you're only allowed one defininte article in a string of nouns? Well, it's better put as "you're only allowed one definite marker in a string of nouns" and the possessives also mark something as definite. The stumbling block here was probably that you missed the ellided
a before
athair and that
athair should really have been marked for genitive i.e.
athar.
If you stuck in mo it's clearer:
ann am muinchillean m' athar
Posted: Wed Feb 03, 2010 9:05 pm
by An Gobaire
Carson a tha e ann am muinchillean an àite anns na muinchillean no anns a' mhuinchill?
A thaobh 's gu bheil "athair" a' tighinn as a dhèidh. Dh'fheumadh tu "anns na muinchillean
aig athair" ach chan fhaca mi riamh an abairt air a cur an cèill mar sin.
Co-dhiù 's dòcha gur e "ann am muinchill" as fheàrr, oir chan fhaca mi "ann am muinchillean" riamh....ged a chuir mi sin ann.
'S e
"ann am muinchill athair" a thog mi sa chiad dol a-mach. Saoil nach robh ach aon mhuinchill aig Gàidheil Chanada sna seann làithean?

No an e riochd iolra ann an cainnt cuid de Ghàidheil Chanada a th' ann?
Obh obh, a Mhìcheil. Nach do mhothaich thu gun do chuir i a'cheist sa Ghàidhlig? 
Posted: Thu Feb 04, 2010 1:59 am
by Thrissel
An Gobaire wrote:Obh obh, a Mhìcheil. Nach do mhothaich thu gun do chuir i a'cheist sa Ghàidhlig? 
Chanainn gun do mhothaich, ach tha mise toilichte gun do dh'fhreagairt e sa Bheurla, oir chan eil mi cinnteach idir am bithinn ga tuigsinn sa Ghàidhlig, le
"concepts" mar "definite marker" no "ellided
a"...

Posted: Thu Feb 04, 2010 2:16 am
by Muiris
Ceart, ceart, ceart...bheir an t-ainmear an t-artaigil
neo-chinnteach le ainmear a tha anns an tuiseal ghinideach fiù 's nuair a tha a' chiad ainmear anns an tuiseal tabhartach. Duilich. Cuiridh mi coire air a' Bheurla. Tapadh leibh.
Posted: Thu Feb 04, 2010 2:39 am
by Muiris
An Gobaire wrote:
Co-dhiù 's dòcha gur e "ann am muinchill" as fheàrr, oir chan fhaca mi "ann am muinchillean" riamh....ged a chuir mi sin ann.
Obh obh, a Mhìcheil. Nach do mhothaich thu gun do chuir i a'cheist sa Ghàidhlig? 
Anns an ràdh, ge-tà, a bheil e muinchill (singilte) no muinchillean (iolra)?
"Nach do mhothaich thu gun do chuir ise a' cheist"? Cò tha na caileag a-seo?
Posted: Thu Feb 04, 2010 7:44 am
by GunChleoc
Muiris wrote:Duilich.
Na bi duilich agus dh'ionnsaich sinn bhon cheist agad

Posted: Thu Feb 04, 2010 9:59 pm
by An Gobaire
Muiris wrote:An Gobaire wrote:
Co-dhiù 's dòcha gur e "ann am muinchill" as fheàrr, oir chan fhaca mi "ann am muinchillean" riamh....ged a chuir mi sin ann.
Obh obh, a Mhìcheil. Nach do mhothaich thu gun do chuir i a'cheist sa Ghàidhlig? 
Anns an ràdh, ge-tà, a bheil e muinchill (singilte) no muinchillean (iolra)?
"Nach do mhothaich thu gun do chuir ise a' cheist"? Cò tha na caileag a-seo?
Cha robh mi cinnteach an e ainm fear no tè a bh' ann am Muiris! Gabh mo leisgeul! Tha fios agam a-nis!
Co-dhiù, 's e "ann am muinchill (singilte)" a tha anns an ràdh.