Ràdh na seachdaine 3
-
- Posts: 693
- Joined: Tue Sep 25, 2007 3:47 am
- Language Level: Fileanta
- Corrections: Please correct my grammar
- Location: Saitama, an Iapan
- Contact:
Ràdh na seachdaine 3
A' dol ann am muinchill cuideigin.
Tha mi a' smaointinn nach eil an ràdh seo doirbh a thuigsinn mas e is gu bheil sibh eòlach air an fhacal "muinchill".
'S iad "muinchillean" na dhà rud pìobanach air geansaidh no còta anns an tèid do ghàirdeanan.
Mar sin, ma tha thu "a' dol ann am muinchill cuideigin", ann an seagh da-rìreadh, tha thu a' cur do ghàirdeanan anns na muinchillean a th' aig cudeigin eile.
Dè tha sin a' ciallachadh ma-tà?
Dh'fhaoidte gu bheil thu a' leantainn ann an ceum-coise neach eile. Tha thu a' dèanamh na bha iadsan a' dèanamh, mar is dual dhuit.
Chaidh e ann am muinchillean athair le bhith a' gabhail anns an arm. - 's e sin gun do ghabh e anns an arm, dìreach mar a rinn athair roimhe.
A bheil duine sam bith san teaghlach agad fhèin, a chaidh ann am muinchill cuideigin eile san teaghlach agaibh?
Ràdh coltach Beurla a thaobh ciall
He followed in his father's shoes /footsteps by joining the army.
Ràdh coltach Frangais a thaobh ciall
Il marche sur les pas de son père./Il suit les traces de son père

Dèan buil cheart de na fhuair thu!
-
- Posts: 9
- Joined: Fri Jan 29, 2010 5:07 pm
- Corrections: I'm fine either way
- Location: Loch Laomainn
Re: Ràdh na seachdaine 3
Carson a tha e ann am muinchillean an àite anns na muinchillean no anns a' mhuinchill?Chaidh e ann am muinchillean athair le bhith a' gabhail anns an arm.
-
- Rianaire
- Posts: 1781
- Joined: Mon Nov 17, 2008 1:26 am
- Language Level: Barail am broinn baraille
- Corrections: Please don't analyse my Gaelic
- Location: Glaschu
- Contact:
= ann am muinchillean (a) athairann am muinchillean athair
the sleeves of his father i.e. it's a string of nouns. Compare:
ann an seòmar
anns an t-seòmar
ann an seòmar caileig
ann an seòmar na caileig
ann an seòmar mo chaileig
Remember that rule that you're only allowed one defininte article in a string of nouns? Well, it's better put as "you're only allowed one definite marker in a string of nouns" and the possessives also mark something as definite. The stumbling block here was probably that you missed the ellided a before athair and that athair should really have been marked for genitive i.e. athar.
If you stuck in mo it's clearer:
ann am muinchillean m' athar
Do, or do not. There is no try.
★ Am Faclair Beag ★ iGàidhlig, do charaid airson bathar-bog na Gàidhlig: Firefox, Thunderbird, LibreOffice, Skype is mòran a bharrachd ★
★ Am Faclair Beag ★ iGàidhlig, do charaid airson bathar-bog na Gàidhlig: Firefox, Thunderbird, LibreOffice, Skype is mòran a bharrachd ★
-
- Posts: 693
- Joined: Tue Sep 25, 2007 3:47 am
- Language Level: Fileanta
- Corrections: Please correct my grammar
- Location: Saitama, an Iapan
- Contact:
A thaobh 's gu bheil "athair" a' tighinn as a dhèidh. Dh'fheumadh tu "anns na muinchillean aig athair" ach chan fhaca mi riamh an abairt air a cur an cèill mar sin.Carson a tha e ann am muinchillean an àite anns na muinchillean no anns a' mhuinchill?
Co-dhiù 's dòcha gur e "ann am muinchill" as fheàrr, oir chan fhaca mi "ann am muinchillean" riamh....ged a chuir mi sin ann.
'S e "ann am muinchill athair" a thog mi sa chiad dol a-mach. Saoil nach robh ach aon mhuinchill aig Gàidheil Chanada sna seann làithean? No an e riochd iolra ann an cainnt cuid de Ghàidheil Chanada a th' ann?
Obh obh, a Mhìcheil. Nach do mhothaich thu gun do chuir i a'cheist sa Ghàidhlig?
Dèan buil cheart de na fhuair thu!
-
- Posts: 647
- Joined: Wed Jun 24, 2009 10:33 pm
- Language Level: eadar-mheadhanach
- Location: Glaschu
Chanainn gun do mhothaich, ach tha mise toilichte gun do dh'fhreagairt e sa Bheurla, oir chan eil mi cinnteach idir am bithinn ga tuigsinn sa Ghàidhlig, le "concepts" mar "definite marker" no "ellided a"...An Gobaire wrote:Obh obh, a Mhìcheil. Nach do mhothaich thu gun do chuir i a'cheist sa Ghàidhlig?
-
- Posts: 9
- Joined: Fri Jan 29, 2010 5:07 pm
- Corrections: I'm fine either way
- Location: Loch Laomainn
Anns an ràdh, ge-tà, a bheil e muinchill (singilte) no muinchillean (iolra)?An Gobaire wrote: Co-dhiù 's dòcha gur e "ann am muinchill" as fheàrr, oir chan fhaca mi "ann am muinchillean" riamh....ged a chuir mi sin ann.
Obh obh, a Mhìcheil. Nach do mhothaich thu gun do chuir i a'cheist sa Ghàidhlig?
"Nach do mhothaich thu gun do chuir ise a' cheist"? Cò tha na caileag a-seo?
-
- Rianaire
- Posts: 4607
- Joined: Mon Sep 17, 2007 11:26 am
- Language Level: Mion-chùiseach
- Corrections: Please correct my grammar
- Location: Dùthaich mo chridhe
- Contact:
Na bi duilich agus dh'ionnsaich sinn bhon cheist agadMuiris wrote:Duilich.
Oileanach chànan chuthachail
Na dealbhan agam
Na dealbhan agam
-
- Posts: 693
- Joined: Tue Sep 25, 2007 3:47 am
- Language Level: Fileanta
- Corrections: Please correct my grammar
- Location: Saitama, an Iapan
- Contact:
Cha robh mi cinnteach an e ainm fear no tè a bh' ann am Muiris! Gabh mo leisgeul! Tha fios agam a-nis!Muiris wrote:Anns an ràdh, ge-tà, a bheil e muinchill (singilte) no muinchillean (iolra)?An Gobaire wrote: Co-dhiù 's dòcha gur e "ann am muinchill" as fheàrr, oir chan fhaca mi "ann am muinchillean" riamh....ged a chuir mi sin ann.
Obh obh, a Mhìcheil. Nach do mhothaich thu gun do chuir i a'cheist sa Ghàidhlig?
"Nach do mhothaich thu gun do chuir ise a' cheist"? Cò tha na caileag a-seo?
Co-dhiù, 's e "ann am muinchill (singilte)" a tha anns an ràdh.
Dèan buil cheart de na fhuair thu!