Page 1 of 1
DUALCHAINNT LEÒDHAIS
Posted: Thu Dec 20, 2007 8:36 pm
by Lughaidh
Hallò!
Tha spèis mhòr aigheam ann an ndualchainnt Eilean Leòdhais, bu chaomh leam i a bhruidhinn agus gu h-àraid dualchainnt Nis (fon as caomh leam òrain, guth agus fuaimneachd Màiri Nic a' Ghobhainn, à Nis).
Mar sin, ma tha eòlas agaibh air an ndualchainnt sin, is dòcha gun urrainn dhuibh cuideachadh rium. Agus ma tha siubh a' faiceann rudan na mo chuid Gàidhlig nach canaist ann an ndualchainnt an àite sin, ceartubh mi le ur toil !
Man a chunnaic siubh, tha mi a' cleachdadh litreachadh a bhiodh nas collaiche ris an fhuaimneachd.
Ann a sheo cuiridh mi tòrr cheistean ma dheidhinn na dualchainnte sin. Mòran taing ro-làimh.
A' Cheud Cheist aigheam:
am beil am facal "cànan" feminine no masculine ann an Leòdhas (agus ann an Nis ma tha fhios agaibh) ?
Posted: Sat Dec 22, 2007 6:53 am
by Tearlach61
Mhollain dhut an leabhar Tocasaid Ain' Tuirc le Donnchadh MacIllIosa, gu h-àraid leis na CD. 'S ann sa dhuail-cainnt Nis a tha e a-rèir s na chuala mi. Tha leabhar a'còrdadh rium gu mòr, tha mòran stuth inntinneach ann.
Chuck
Posted: Sat Dec 22, 2007 7:42 pm
by Lughaidh
Tapadh leat, fhuair mi annasheo e:
http://www.gaelicbooks.net/store/produc ... 4b46116327
Tha coma shnog air. 'S dòcha gun ceannaich mi e. Am beil an leabhar sin aighead? Am beil e sgrìobhte ann an ndualchainnt Nis?
Dè 'n seòrsa leabhair a th'ann? Dè 'n seòrsa sgialan? Bu chaomh leam bhith cinnteach gun ionnsaich mi tòrr rudan ma dheidhinn dualchainnt Nis, mas ceannaicheas mi e.
Gu mì-fhortanach, chan urrainn èisteachd ri
sample dheth.
Posted: Sun Dec 23, 2007 11:04 pm
by Tearlach61
'S e cruinneachadh sgeulachdan goirid a th'ann 's tha cuid dhiubh a'còrdadh rium gu mòr. Bith an t-ùghdar a'leughadh an leth chuid diubh agus 's ann anns an dual-chainnt Nis sa tha iad gun teagamh. Nuair a fhuair mi e, thug John Storey à Comhlaire nan Leabhraichean rabhadh dhomh gur ann san dual-chainnt Nis sa bha e 's gum biodh e caran diofraichte bhon Ghàidhlig ris a bha mi cleachdte. A bharrachd air a sin, nuair bha an sgioba a'BhBC ann an Juneau an-uiridh, thuirt Isbeal, am presenter a'phrògram, gu robh an leabhar ann san dual-chainnt Nis sa bha e.
'S dòcha gu robh duilgheadas agam an toiseach an dual-chainnt-sa a thuigsinn ach dh'fhàs mi cleachdte ris.
Tha leabhar eile ann a tha sgrìobhte ann an dual-chainnt Nis cuideachd, 's e Shrapnel a th'ann. Bith an t-ùghdar fhèin ga leughadh sna CD's. Tha ne CD's agam agus an leabhar cuideachd ach cha do leugh mòran dheth fhathast 's chan eil mòran agam ri ràdh mu dheidhinn.
Posted: Sun Dec 23, 2007 11:11 pm
by Tearlach61
Faodaidh tu eisteachd ri criomagan dheth an seo:
http://www.ur-sgeul.com/digital/index.html
chuck
Posted: Tue Dec 25, 2007 10:45 pm
by Lughaidh
Tha sin iongantach, a charaid
Ma dheireadh is urrainn dhomh dualchainnt Nis a chluinntinn agus transcription a leumhadh aig an àm cheudna !
Dh'aithnich mi dualchainnt Leòdhais ann (a-rèir tuairisgeul a leumh mi ann an leabhar, ma dheidhinn fheartan a fuaimneachd).
Mòran mòran taing

Posted: Wed Dec 26, 2007 1:10 pm
by An Gobaire
Nollaig Chridheil! Ma dh'èisteas tu ri Prògram Choinnich a h-uile Diluain air Rèidio nan Gàidheal, mar as trice, bithear a' faighinn diofar dhaoine le blas Leòdhais.
Posted: Thu Dec 27, 2007 11:48 pm
by Lughaidh
Nuair a leumh mi 'prògram Choinnich', air tùs chreid mi gum b'e Coinneach Cìr a rinn e! Ach nuair a chunnaic mi làrach BBC agus nuair a chunnaic mi aghaidh Coinneach an Rèidio, thuig mi nach b'e "ar Coinneach-na" a bh'ann
Tapadh leat, èistidh mi ris sin nuair a bhios ùine aigheam (ach chan eil mi cinnteach gun tuig mi mòran

)
Posted: Thu Jan 03, 2008 1:15 pm
by GunChleoc
Lughaidh wrote:Nuair a leumh mi 'prògram Choinnich', air tùs chreid mi gum b'e Coinneach Cìr a rinn e! Ach nuair a chunnaic mi làrach BBC agus nuair a chunnaic mi aghaidh Coinneach an Rèidio, thuig mi nach b'e "ar Coinneach-na" a bh'ann
Lughaidh wrote:Tapadh leat, èistidh mi ris sin nuair a bhios ùine aigheam (ach chan eil mi cinnteach gun tuig mi mòran

)
Seadh, bhruidhnidh esan luath gu leòr. Bidh thu a thuigsinn beag air bheag co-dhiù, tha mi cinnteach

Posted: Fri Jan 04, 2008 12:14 pm
by Coinneach Cìr
Aidh, chan e Coinneach MacÌomhair a th' annamsa idir, chan eil mi ro dhèidheil a bhith air an rèidio 