Le Gordon Wells
'Tha mi a’ tuigsinn gun deach mo chàineadh le cuid airson am pìos seo a sgrìobhadh ann am Beurla, seach Gàidhlig. So, seo mise a’ sgrìobhadh ann an Gàidhlig air carson a tha e ceart, uaireannan, a bhith a’ sgrìobhadh ann am Beurla mu dheidhinn Gàidhlig – gu h-àraid ma tha thu airson gun leugh muinntir na Gàidhlig fhèin na sgriòbhas tu. Saoghal neònach…
Far a bheil mi fhèin a’ fuireach tha tòrr dhaoine ann le deagh Ghàidhlig aca (fada nas fheàrr na bhios agamsa riamh) nach sgrìobh no leugh i gu comhfhurtail – ma sgrìobhas no leughas iad idir i. Chan e naidheachd ùr a tha seo. Tro na linntean tha fhios nach robh comas sgrìobhaidh ann an Gàidhlig riamh aig mòr-chuid a luchd-labhairt – agus tha an cànan beò fhathast, air èiginn. Thaobh leasachadh na Gàidhlig, ge-tà, shaoilinn fhèin gu bheil na daoine seo gu math cudromach – bruidhnidh iad an cànan gun trioblaid, gun smaoineachadh mu dheidhinn idir. ’S ann acasan a tha am blas, agus an ceangal air ais thairis air na linntean.
Mar as trice, nuair a chleachdas cuidegin am facal “illiteracy”, smaoinichidh tu gur e droch rud a th’ ann. Duine illiterate – ’s e duine gòrach a th’ ann, no duine nach d’ fhuair foghlam. Well, chan eil muinntir nan eilean gòrach idir, agus a’ coimhead air na national educational statistics chìthear gun do rinn iad riamh agus gun dèan iad fhathast glè mhath ann am foghlam. Gu dearbh, chan eil iad illiterate idir. Ach ’s e Beurla a leughas iad. Nist, an trioblaid a th’ ann, chan e gu bheil a’ Bheurla aca làidir, ach gu bheil a’ Ghàidhlig lag – aig ìre litreachaidh co-dhiù.'
tuilleadh an seo: http://gordonwellsuist.wordpress.com/20 ... 7;s-a-dha/
Catch Fichead 's a Dhà
-
- Rianaire
- Posts: 4607
- Joined: Mon Sep 17, 2007 11:26 am
- Language Level: Mion-chùiseach
- Corrections: Please correct my grammar
- Location: Dùthaich mo chridhe
- Contact:
Abair deasbaidean inntinneach a th' air a' bhlog aige! 

Oileanach chànan chuthachail
Na dealbhan agam
Na dealbhan agam