Gearraidhean a' toirt buaidh air seirbheisean sa Ghàidhlig

Na tha a' tachairt ann an saoghal na Gàidhlig agus na pàipearan-naidheachd / What's happening in the Gaelic world and the newspapers
Gràisg
Rianaire
Posts: 1549
Joined: Mon Sep 24, 2007 6:04 pm
Language Level: Caran robach sna laithean seo
Location: Inbhir Narann
Contact:

Gearraidhean a' toirt buaidh air seirbheisean sa Ghàidhlig

Unread post by Gràisg »

A bheil poileasaidh Gàidhlig aig comhairle na Gàidhealtachd tuiteam as a chèile? Am faighnich den chomhairle an £418K a thoirt air ais don bhòrd

Le Alasdair H Caimbeul san Albannach an-diugh.

'AIG an aon àm agus a bha gearraidhean gan ainmeachadh ann am buidseat na Gàidhlig aig Comhairle na Gàidhealtachd an t-seachdain seo, thàinig e am follais gu bheil suimeannan mòra airgid a fhuair iad bho Bhòrd na Gàidhlig airson cur an gnìomh dhleastanasan Achd na Gàidhlig gun a chosg fhathast.
Tha suimeannan a chaidh a chomharrachadh airson pròiseactan a' dol air ais gu 2007-2008 ann a dh'fheumadh a' Chomhairle a thoirt air adhart gun a chosg, agus tha iad aig an ìre a-nis far am feum a' Chomhairle £418,000 de dh'airgead, a fhuair iad bho Bhòrd na Gàidhlig airson pròiseactan, a thoirt air adhart chun na h-ath bhliadhna ionmhais (2010-11).'
....
'Thuirt neach-labhairt bho Bhòrd na Gàidhlig: "Tha sinn air sgrìobhadh gu Comhairle na Gàidhealtachd a' faighneachd dè a' bhuaidh a dh'fhaodadh a bhith aig na gearraidhean seo air a' Phlana Ghàidhlig aca. Tha sinn cuideachd gu bhith coimhead gu cruaidh air dè tha Comhairle na Gàidhealtachd agus buidhnean eile an dùil a dhèanamh le airgead nach deach a chosg fhathast a fhuair iad bho Bhòrd na Gàidhlig. Tha sinn ag iarraidh coimhead air a h-uile pròiseact far nach eil iad air an t-airgead a chosg, agus a' faighneachd an gabh an t-airgead sin a thoirt air ais agus a chur gu feum ann an àite eile.

"Cuideachd tha sinn a' dol a dh'fhaighneachd dhaibh, ma tha Comhairle na Gàidhealtachd agus ùghdarrasan ionadail eile a' dol a stad an airgid airson CNSA no Clì mar eisimpleir, dè tha iad fhèin an dùil a dhèanamh airson an t-seirbheis no an obair a bha na buidhnean sin a' dèanamh. Ciamar a tha iad a' lìonadh a' bheàrn? Tha sinn air seo uile a chur sa Phlana Ghnìomh againn a tha leis an Riaghaltas an-dràsta airson aontachadh. Tha sinn ag iarraidh coimhead ri airgead nach eilear a' cosg ann am pròiseactan, feuch an gabh e a chosg air pròiseactan eile a dhèanadh feum an-dràsta."'

Leugh an t-artaigil slan an seo:
http://news.scotsman.com/gaelic/Gearrai ... 6069703.jp
Post Reply