Page 1 of 1
Ainmean shràidean san Albais
Posted: Sun Feb 21, 2010 2:34 pm
by Thrissel
A rèir coltais tha feadhainn de luchd-bruidhinn Beurla Ghallda glè mì-thoilichte le aimnean sràidean (is ainmean àite eile) na-Alba a tha sa Bheurla Shasannach:
SLC: Gie's back oor place names
Posted: Sun Feb 21, 2010 11:24 pm
by Seonaidh
Fa a bheil mi a' fuireach tha sràidean le ainmean mar "Manse Road", "Bow Butts", "Stobcross Road", "Kirk Street", "Kirk Brae", "Kirk Wynd" - seann sràidean gun ainm B-Sh orra idir.
Posted: Mon Feb 22, 2010 9:28 pm
by Neas Olc
"Albais" eh? Dè thachair do "Bheurla a Ghallda" ma ta, no bheil e ro
politically incorrect na laighean seo?

Posted: Mon Feb 22, 2010 10:23 pm
by Níall Beag
Neas Olc wrote:"Albais" eh? Dè thachair do "Bheurla a Ghallda" ma ta, no bheil e ro
politically incorrect na laighean seo?

Sin e direach -- political correctness gone mad.
Ach 's e facal fior grod a th' ann an "Albais" (almost sounds like a drum-roll gone wrong) agus 's e ainm Gàidhlig a th' ann an Alba. Bitheadh "Scotais" no "Sgotais" nas freagaraiche, nam beachdsa.
'S e "Gall" a th' annam, 's cha chuir seo dragh oirm idir.
The "Welsh" and the "Walloons" of Francophone Belgium happily call themselves "Gall" (Wall, Gall -- same root, like "ward" and "guard").
Words lose their meaning, and I've never heard "Gall" used in modern times as general "foreign".
Air an taobh eile, bha "Albann" a' ciallachadh an eilean "Great Britain" gu tur. Ach tha an Gaidheal toilichte ris an ainm. Bha "Scot" a' ciallachadh Eireannach, ach tha an Albannach toilichte ris an ainm.
Chan eil càil ceàrr ris an facal Gall, no Beurla Gallda.*
*Well, actually there is one thing: the fact that English is just Beurla. B' fhearr leamsa nach robh "subordinate relationship" ann idir.
Posted: Tue Feb 23, 2010 3:10 pm
by Thrissel
Níall Beag wrote:'s e ainm Gàidhlig a th' ann an Alba. Bitheadh "Scotais" no "Sgotais" nas freagaraiche
Níall Beag wrote: B' fhearr leamsa nach robh "subordinate relationship" ann idir.
Sin as coireach a chleachd mi an dà chuid... chan urrainn dhomh cur romham dè as fheàrr leamsa.
Posted: Tue Feb 23, 2010 7:49 pm
by Seonaidh
Chan eil mi cinnteach, ach tha mi a' creidsinn gun robh "beurla" a' ciallachadh "cànan" aig aon àm. Co-dhiù, 's e "cànan Shasainn/nan Stàitean Aonaichte/Chanada/na h-Alba/Astràilia" amsaa an-diugh.
Cha toigh leam "Albais": mas e cànan, b' fheudar dha ri chleachdadh airson, 's dòcha, cànan nan Cruithneach.
Dè mu dheidhinn "Beurla Ghallda" airson cànan na Galldachd is "Beurla Shasainn" airson cànan Shasainn?
Nas fhasa sa Chuimris - "Saesneg".
Posted: Wed Feb 24, 2010 5:15 am
by Neas Olc
Ann am Breatain Beag bithear ag radh "Gallek" airson "Fraingis" agus s'e "Gall" a th'ann am Frangach: eisimplir eile de seann fhacal aig a bheil ciall ùr. Chan eil na Frangaich air a bhith a bruidhinn Gaulais o'chionn fad, mar eil mi ceàrr!
