Page 1 of 1

Togail dàrna cànan ann an Alba – obair Shiosaphus?

Posted: Sat Feb 27, 2010 8:19 am
by Gràisg
Le Seon C Caimbeul san Albannach a' dèanamh agallamh le fear ris an canar Mike Sharwood Smith:

' "Bidh an fheadhainn na bu shine an dùil ri ceartachadh – cho fad 's nach eil cus nàrachadh na lùib – a chionns 's nach urrainn dhaibh tuigsinn ciamar a ionnsaicheas tu rud sam bith gun a bhith a' tuigsinn càit a bheil thu a' dol ceàrr. Air an dàrna làimh, gun a bhith a' toirt ceartachadh dhaibh tha cunnart ann gun caill iad am misneachd. Ach air an làimh eile, tha rannsachadh air mearachdan a' sealltainn nach eil e an còmhnaidh cuideachail fios a bhith agad far a bheil thu a' dol ceàrr.

Iarr iad ceartachadh, gheibh iad e ach an uair sin nuair nach obraich e caillidh iad am misneachd. Se suidheachadh catch-22 a tha ann."

Nach eil rathad às an staing sin idir ann? A bheil e an dàin dhuinn a bhith a' strì mar Siosaphus leis an aon chnap-uallach de mhearachdan gu siorraidh bràth?'

Tuilleadh an seo:
http://news.scotsman.com/gaelic/Togail- ... 6109833.jp