Page 1 of 2
cuspair doirbh a-rithist? Mas e ur toil e?
Posted: Tue Mar 02, 2010 9:45 pm
by faoileag
Tha mi ag ionndrainn deasbad math air cuspairean doirbha gramataigeach a-rithist - ginedeach, compound nouns, conditionals, passives, amsaa.
A bheil thu ann, Akerbeltz?
Nach cuir thu obair bheag chruaidh dhuinn? Dìreach ri cagnadh?

Posted: Tue Mar 02, 2010 10:51 pm
by akerbeltz
Cuspair doirbh a-rithist? Mas e ur toil e?
LOL ok... dé tha cearr leis an abairt gu h-àrd agus dé na dòighean tradaiseanta air a sheallas tu modhaileachd sa Ghàidhlig?
Posted: Wed Mar 03, 2010 7:33 am
by faoileag
Lol!
Air a ghlacadh!
Mòran taing!
Ceart gu leòr, cha channain 'mas a do thoil e' gu àbhaisteach nas motha - tha fios agam nach e ach rud 'feumail', gu bhith co-ionnachd ri 'please', a th' ann, seach dòigh nadarrach no thradiseanta, mar a thuirt thu.
Bha mi ag airson 'pretty please' no rud goirid àbhachdach mar sin a chleachdadh agus cha lorg mi gu luath rud nas fheàrr - agus bha mi an dòchas gun toireadh e a-steach thu - agus thug e!
(ACH tha trioblaid bunaiteach dhomh ann an sin - ciamar a cuir mi an cèill abairtean mar sin , no mar 'no', 'not', 'me too', amsaa (structairean a ath-chleachdas an gnìomhair), nuair nach eil gnìomhair ann roimhe? Ceist eile...

)
Co-dhiù, ceist agadsa gu math inntinneach agus thig mi air ais dhi nuair a bhios beagan ùine agam - feumaidh mi a dhol dhan obair a-nis!

Posted: Wed Mar 03, 2010 9:27 am
by GunChleoc
akerbeltz wrote:Cuspair doirbh a-rithist? Mas e ur toil e?
LOL ok... dé tha cearr leis an abairt gu h-àrd agus dé na dòighean tradaiseanta air a sheallas tu modhaileachd sa Ghàidhlig?
Dè mu dheidhinn am fear seo:
faoileag wrote:Nach cuir thu obair bheag chruaidh dhuinn?
Tha seo modhail, nach eil?
Posted: Wed Mar 03, 2010 7:54 pm
by Thrissel
Ach dè chanadh, mar eisimpleir, am fear air trèan an àite "Tickets, please?" Nach biodh dìreach "Na ticeadan agaibh" mì-chùirteal?
No an canadh e "A mhnathan agus a dhaoin'uaisle, na ticeadan agaibh?" (Ro mhodhail, 's dòcha?)
Hmm, agus ceist eile: dè mu dheidhinn a' faighneachd rudeigin do choigreach air an t-sràid, mar "[Excuse me], a bheil fhios agaibh dè 'n uair a tha e?" Am faodar "Gabhaibh mo leisgeul" cleachdadh no bheil an abairt sin airson "apologizing" a-mhàin?
Posted: Wed Mar 03, 2010 8:59 pm
by Níall Beag
Thrissel wrote:Ach dè chanadh, mar eisimpleir, am fear air trèan an àite "Tickets, please?" Nach biodh dìreach "Na ticeadan agaibh" mì-chùirteal?
No an canadh e "A mhnathan agus a dhaoin'uaisle, na ticeadan agaibh?" (Ro mhodhail, 's dòcha?)
Hmm, agus ceist eile: dè mu dheidhinn a' faighneachd rudeigin do choigreach air an t-sràid, mar "[Excuse me], a bheil fhios agaibh dè 'n uair a tha e?" Am faodar "Gabhaibh mo leisgeul" cleachdadh no bheil an abairt sin airson "apologizing" a-mhàin?
Uell, tha "please" a-mhàin gu math ùr. 'S e "if you please" a bh' ann, agus seo a th' ann am "Mas e ur toil e".
Nach neònach "Tickets if you please"?
Tha Buerla a cleachdadh "please" barrachd nan cànain Romanach, mar eiseamplair, ach tha mi a' creidsinn gu bheil na Gearmailteach a cleachdadh "bitte" fiù 's nas trice. (Ak? GC?)
Ann an Hindi, bidh iad ga chleachdadh cho tric nach eil e "please" nas mótha, ach "polite/respectful particle" no mar sin (kijiye).
Cha bhi sin a'
kijiyeadh a h-uile rud mar na h-Innseanaich (Gabh mo leisgeul kijiye, Tha mi duilich kijiye, seo agad e kijiye) agus mar sin dé an adhbhar airson a h-uile rud a "phlease"adh mar luchd na Beurla?
Posted: Wed Mar 03, 2010 9:44 pm
by akerbeltz
Cuimhnichibh gu bheil modhaileachd 'na artefact cultarach agus gu bheil e ag obair air dòighean eadar-dhealaichte ann an diofar cultaran. Tha iomadh cultar ann nach eil a' cleachdadh "please", cuid aig a bheil barrachd air aon dòigh gus "móran taing" a ràdh agus tha cuid ann a tha fìor ealanta a thaobh modhaileachd, can an t-Sèapanais.
Tha dhà no trì prìomh dhòighean ann sa Ghàidhlig gus a bhith modhail:
1) sibhsigeadh; i.e. cleachdadh "sibh" seach "thu"
2) neo dhìreachas agus tha seo ag obair air iomadh dòigh e fhéin, m.e.
a) ceist seach iarrtas dìreach: an doir thu dhomh a' ghloine seach thoir dhomh a' ghloine
b) conditional: bhiodh e math nam fosgladh tu an doras
c) seachnadh a' chuspair; m.e. can gu bheil thu ag iarraidh air cuideigin an uinneag fhosgladh, dh'fhaodadh tu rudeigin mar "tha e beagan teth an-seo" a ràdh
3) faclan/strutaran sònraichte:
a) saoil + ceist: saoil am fosgail thu an doras?
b) gun/gum + gnìomhair: gum faic mi? seach "seall dhomh"
c) tha "gabh mo leisgeul" ceart gu leòr, sin seann abairt sa chànan ach tha dòighean eile ann gus aire cuideigin a thogail; cuimhnichibh gu bheil an tuiseal gairmeach ann. Tha na Gàidheil nas buailtich air ciad ainmean a chleachdadh, fiù mas e urramach a tha thu a' bruidhinn ris (sin as adhbhar nach eil faclan mar "maighstir" no "sir" cho cumanta). Agus ma tha thu airson a bhith ro mhodhail, rudeigin mar "a bhean uasail!"
'S urrainn dhut iad seo a mheasgachadh, m.e. sibhsigeadh agus faclan sònraichte.
'S e 3b a chleachdainn-sa airson tiocaidean iarraidh air daoine "Gum faic mi na tiocaidean agaibh?"
Tha dòighean eile ann - bheil gin dhiubh a' bualadh oirbh (a' seachnadh rudan mar "mas e ur..." agus "le ur cead"?
Posted: Wed Mar 03, 2010 11:02 pm
by GunChleoc
Dè mu dheidhinn Dèan suidhe!no Dèanaibh suidhe! an àite Suidh!
Posted: Wed Mar 03, 2010 11:46 pm
by Seonaidh
Dè an diofar, sa Bheurla, eadar "Sit down" is "Do sit down"? A bheil diofar ann? Agus, ma bhios "Do sit down" nas modheile na "Sit down", am biodh an aon rud fìor mun Ghàidhlig? Bhiodh rudeigin mar "Gwna eistedd!" glè neònach sa Chuimris, ach bhiodh "Nei di ishte?" [Wnei di eistedd], mar cheist, àbhaisteach gu leòr.
Posted: Thu Mar 04, 2010 12:19 am
by akerbeltz
A bheil diofar ann?
Tha riaghailt shimplidh ann an cànanachas - tha ciall eadar-dhealaichte aig gach rud air a bheil cruth eadar-dhealaichte. Chan eil e follaiseach uaireannan dé an diofar a thà diofar ann.
Tha "do sit down" a' crochadh air do ghuth - tha e nas modhaile na "sit down (1)" le guth sèimh, fialaich agus nas buirbe le guth car feargach (2).
Suidh
Dèan suidhe
Dèanaibh suidhe
Aidh, agus cuideachd "nach suidh thu/sibh" agus "an suidh thu/sibh". Airson "do sit down (1)" chanainn-sa "nach dèan sibh suidhe?" agus (2) "an dèan thu suidhe (nis)".
Dé mu dhéidhinn bùth... cuiribh oirbh gu bheil sibh a' feuchainn ri rudeigin a reic ann am bùth, ciamar a nì sibh sin eadar buirbe is modhaileachd?
Posted: Thu Mar 04, 2010 11:13 pm
by Seonaidh
Borb: "D' airgead no do bheatha!"
Modhail: "Ur n-airgead no ur beatha!"
(no "Am biodh sibh cho math airson ur n-airgead a chur thugam air chor 's nach bi agam ri ur marbhadh?")
Tapadh leat
Posted: Fri Mar 05, 2010 11:33 am
by An Gobaire
Chanainn
Am faic mi ur tiocaidean, tapadh leibh.
Dh'fhaodamaid tapadh leat/leibh a chleachdadh seach mas e do/ur t(h)oil e.
Posted: Fri Mar 05, 2010 1:30 pm
by akerbeltz
Aidh, tha sin math cuideachd.
Borb: "D' airgead no do bheatha!"
Modhail: "Ur n-airgead no ur beatha!"
LOL cha reiceadh tu móran air aon seach aon dhiubh. Feuch ri rudeigin eile, rudeigin car colach ri "excuse me, can I interest you in this totally useless but overpriced item made in a sweat shop by children and from non-sustainable materials using nuclear energy"
Uel, a' chiad phàirt dheth co-dhiù.
Re: Tapadh leat
Posted: Fri Mar 05, 2010 5:34 pm
by Níall Beag
An Gobaire wrote:Chanainn
Am faic mi ur tiocaidean, tapadh leibh.
Dh'fhaodamaid tapadh leat/leibh a chleachdadh seach mas e do/ur t(h)oil e.
Tha seo gu math cumanta ann am Beurla Gallda.
Posted: Fri Mar 05, 2010 9:44 pm
by Seonaidh
...agus sa Gheordie, mar a thachras.