A bheil thu ann, Akerbeltz?

Nach cuir thu obair bheag chruaidh dhuinn? Dìreach ri cagnadh?



LOL ok... dé tha cearr leis an abairt gu h-àrd agus dé na dòighean tradaiseanta air a sheallas tu modhaileachd sa Ghàidhlig?Cuspair doirbh a-rithist? Mas e ur toil e?
Dè mu dheidhinn am fear seo:akerbeltz wrote:LOL ok... dé tha cearr leis an abairt gu h-àrd agus dé na dòighean tradaiseanta air a sheallas tu modhaileachd sa Ghàidhlig?Cuspair doirbh a-rithist? Mas e ur toil e?
Tha seo modhail, nach eil?faoileag wrote:Nach cuir thu obair bheag chruaidh dhuinn?
Uell, tha "please" a-mhàin gu math ùr. 'S e "if you please" a bh' ann, agus seo a th' ann am "Mas e ur toil e".Thrissel wrote:Ach dè chanadh, mar eisimpleir, am fear air trèan an àite "Tickets, please?" Nach biodh dìreach "Na ticeadan agaibh" mì-chùirteal?
No an canadh e "A mhnathan agus a dhaoin'uaisle, na ticeadan agaibh?" (Ro mhodhail, 's dòcha?)
Hmm, agus ceist eile: dè mu dheidhinn a' faighneachd rudeigin do choigreach air an t-sràid, mar "[Excuse me], a bheil fhios agaibh dè 'n uair a tha e?" Am faodar "Gabhaibh mo leisgeul" cleachdadh no bheil an abairt sin airson "apologizing" a-mhàin?
Tha riaghailt shimplidh ann an cànanachas - tha ciall eadar-dhealaichte aig gach rud air a bheil cruth eadar-dhealaichte. Chan eil e follaiseach uaireannan dé an diofar a thà diofar ann.A bheil diofar ann?
LOL cha reiceadh tu móran air aon seach aon dhiubh. Feuch ri rudeigin eile, rudeigin car colach ri "excuse me, can I interest you in this totally useless but overpriced item made in a sweat shop by children and from non-sustainable materials using nuclear energy"Borb: "D' airgead no do bheatha!"
Modhail: "Ur n-airgead no ur beatha!"
Tha seo gu math cumanta ann am Beurla Gallda.An Gobaire wrote:Chanainn
Am faic mi ur tiocaidean, tapadh leibh.
Dh'fhaodamaid tapadh leat/leibh a chleachdadh seach mas e do/ur t(h)oil e.