Page 1 of 1

Negatives and repetition of verbs

Posted: Wed Mar 03, 2010 9:51 pm
by akerbeltz
(ACH tha trioblaid bunaiteach dhomh ann an sin - ciamar a cuir mi an cèill abairtean mar sin , no mar 'no', 'not', 'me too', amsaa (structairean a ath-chleachdas an gnìomhair), nuair nach eil gnìomhair ann roimhe? Ceist eile... Nam bhreisleach )
Tha mi 'ga ath thòiseachadh an-seo ach an cum sinn an dà chuspair air falbh o chéile.

Dé seòrsa rud a tha fa-near dhut?

Posted: Thu Mar 04, 2010 9:22 pm
by faoileag
M.e.

I wanted tea, not coffee!

Bha mi ag iarraidh tì....

..seach cofaidh?


Chan eil e sgiobalta no luath gu leòr a ràdh (a-rithist):

...bha mi ag iarraidh cofaidh.

NO:

'S e tì a bha mi ag iarraidh, cha b' e cofaidh (+ a bh' ann?)?

Le buadhairean chleachdas tu 'ann', ach (but not with nouns - eisimpleir eile!) cha chleachdas le ainmearan.

It's not cold at all, it's warm.
Chan ann fuar a tha e idir, 's ann blàth (+ a tha e?).


Sin toiseach co-dhiù! 8-)

Posted: Thu Mar 04, 2010 10:30 pm
by akerbeltz
I wanted tea, not coffee!
'S e cofaidh a bha mi ag iarraidh, chan e
's e + chan e
no
Bha mi ag iarraidh cofaidh, chan ann
bha (=gnìomhair) + chan ann

Bha seo furasta gu leòr :)

Posted: Thu Mar 04, 2010 11:15 pm
by Seonaidh
...ach dè mu dheidhinn "I wanted coffee, not tea"?

Posted: Fri Mar 05, 2010 1:20 am
by akerbeltz
:chachreid: chuir mi ann cas mu seach sin, tha mi duilich

Posted: Fri Mar 05, 2010 9:38 pm
by Seonaidh
Na gabh dragh!

Posted: Fri Mar 05, 2010 11:15 pm
by faoileag
OK, 'no' eile:

Tha uilebheist a' tighinn am ionnsaigh (no boma, no teine, no murtair-tuaighe :mc: ) agus mi nam èiginn, an t-eagal-bàis orm, agus ag èigheach: NO! NO!

Dè a chanadh Gàidheal aig nach eil Beurla?


'S e 'Chan eil mi ag iarraidh an dàn seo' a tha 'No!' a' ciallachadh an seo, saolidh mi, chan e 'Sguir!'.

Posted: Sat Mar 06, 2010 9:32 pm
by Seonaidh
Oh howway man! An aon rud mar a chanadh Geordie - NA!

Posted: Sun Mar 07, 2010 12:20 am
by akerbeltz
Hm feumaidh mi aideachadh nach eil càil a bhualadh orm sa bhad ach cuiridh mi sùil air na leabhraichean is tùsan eile agam ach an lorg mi rudeigin.

Deagh cheist...

Posted: Sun Mar 07, 2010 10:09 pm
by An Gobaire
faoileag wrote:OK, 'no' eile:

Tha uilebheist a' tighinn am ionnsaigh (no boma, no teine, no murtair-tuaighe :mc: ) agus mi nam èiginn, an t-eagal-bàis orm, agus ag èigheach: NO! NO!

Dè a chanadh Gàidheal aig nach eil Beurla?


'S e 'Chan eil mi ag iarraidh an dàn seo' a tha 'No!' a' ciallachadh an seo, saolidh mi, chan e 'Sguir!'.
Tha thu air a bhith coimhead cus filmichean Hollywood.....ach co-dhiù...

nach canadh Gàidheal rudeigin leithid A thia! A mhallachd ort.! Rìgh nan dùl. THalla thalla thalla thalla! A-mach à seo!

Iochd! Tha uilebheist a' tighinn!

Posted: Tue Mar 09, 2010 8:04 am
by Seonaidh
...agus sin uile a-mach air Gollywood (mas e sin an t-ainm air meadhan saoghal filmichean na Gàidhlig...)