Page 1 of 2

Soraidh slàn le 'Am Baile' ?

Posted: Wed Mar 03, 2010 10:08 pm
by Gràisg
Tha Comhairle na Gàidhealtachd a' lorg gearraidhean eile. Seo bho làrach BBC:

'SUGGESTED CUTS
Reducing the number of museums by two-thirds could save £400,000, officials have estimated
£172,000 saving from shutting down the council funded Am Baile Gaelic heritage website
Ceasing the Bookstart service, which aims to encourage children's reading, could save £394,000
Axing the Out of Eden drama service would save £195,000'

Saoilidh mi gu bheil roinn Gàidhlig mar phàirt de 'Out of Eden' cuideachd. A h-uile càil a tha seo air a bhòrd agus fhathast 418K bho Bhòrd na Gàidhlig aig a' Chomhairle - airgead nach do chleachd iad fhathast!
Co-dhiù tuilleadh air làrach beeb
http://news.bbc.co.uk/1/hi/scotland/hig ... 546915.stm

Posted: Thu Mar 04, 2010 9:06 pm
by faoileag
'S e neach-leanntain de Am Baile mòr mòr a th' annam - bhiodh e uabhasach nam biodh e air a dhùnadh! :mc:

'S e tasglann bheartach is fheumail a th' innte, agus tasglann den Ghàidhealtachd gu leòr seach goireas Gàidhlig a-mhain, leis mar a tha i dà-chànanach.

A bheil fios aig duine sam bith ciamar a nì sinn duilleag Facebook airson taic a chruinneachadh? No rudeigin air Twitter?


I'm a big, big fan of Am Baile and it would be awful if it was closed. It's a rich and useful archive, and an archive for the whole Highlands, not just a resource for Gaelic, with it being bilingual. Does anyone know how to set up a Facebook page to gather support, or something on Twitter?

Posted: Thu Mar 04, 2010 10:51 pm
by Seonaidh
Uill, 's ann furasta air Farcebook. Tha mi air iomadach buidhinn a thoiseachadh air Fyecebeuk - chan eil cuimhne agam air an fhìor dhòigh ach tha cuimhne agam gu robh e furasta gu leòr. A bheil thu nad bhall de Aodannleabhar?

Posted: Thu Mar 04, 2010 11:09 pm
by IainDonnchaidh
'S bochd sin! :gulach:

Chan urrainn dhomh a creid gu bheil Am Baile costs that much

Posted: Fri Mar 05, 2010 7:51 am
by Gràisg
A chàirdean, Feumaidh sinn faighinn a-mach ciamar a chaidh an deasbad an-dè. Mar a thuirt Seonaidh bhiodh duilleag Facebook ri fhaighinn sa bhad.
Ma bhios fìor amas aca Am Baile a dhùnadh bhiodh e na h-ionnsaigh mhòr mhòr air inbhe na Gàidhlig an dà chuid air loidhne agus san t-Saoghal eile far a bheil sinn beò cuideachd.

A bheil fios mionaideachd aig duine sam bi? Art a bheil thusa ann, an cuala Am Bòrd dad a bharrachd gu ruige seo?

Posted: Fri Mar 05, 2010 8:35 am
by Each
De cho cosgail sa tha an "hosting" air an eadar linn son an larach seo - chan urrainn dha bith barrachd na beagan sgillin. ?

S docha gum bith cothrom son a hosting le buidhean eile ?

Posted: Fri Mar 05, 2010 10:49 am
by Níall Beag
Uell, ma dùnas Am Baile, tha mi cinnteach gum biodh an stuth air gu math freagarrach airson Tobar An Dualchais.

Posted: Fri Mar 05, 2010 12:36 pm
by Gràisg
As dèidh dhomh bruidhinn ri aon de na Chomhairlichean Inbhir Narann an diugh saoilidh mi gu bheil 'Am Baile' air an an rathad dhan t-sitig.
Eich saoilidh mi gum bi hosting le buidhean eile deatamach ann an uine nach bi fada.

Posted: Fri Mar 05, 2010 6:02 pm
by Tearlach61
Thug mi sùil air an làrach-linn Am Baile airson a chiad uair an t-seachdainn-sa fhèin. Tha e gu math àlainn. 'S e call mòr a bhiodh ann nan rachadh e à bith.

Sin a trioblaid nuair a thig a a h-uile thaic tro làmhan an riaghaltais.

Tha an dearbh ceist agam-sa sa th'air a bhith aig cuid eile an seo: dè cho cosgail sa bhiodh an làrach sin chumail beò co-dhiù?

Posted: Fri Mar 05, 2010 6:33 pm
by An Gobaire
'S e gu dearbha. THa faidhlichean fuaim ann far an cluinnear Gàidheil ri seanchas no a' toirt seachad fiosrachadh luachmhor anns a' Ghàidhlig. 'S e stòras fiosrachaidh a th' ann agus tha e math do luchd-ionnsachaidh agus fileantaich oir, gheibh iad fiosrachadh anns an dà chànan 's tha na h-earrannan fiosrachaidh seo a' seasamh air leth bho chèile.

Bha mi fhìn ga chleachdadh an-diugh fhèin airson eòlas a chur air 'smeuradh chaoraich'.

Posted: Fri Mar 05, 2010 10:18 pm
by Thrissel
Each wrote:De cho cosgail sa tha an "hosting" air an eadar linn son an larach seo - chan urrainn dha bith barrachd na beagan sgillin. ?
Uill tha mise air pàighead £92 airson 3GB airson dà bhliadhna, ach shaoilinn gu bheil Am Baile nas motha na 3GB. Agus chan eil mi cinnteach gu bheil hosting a h-uile rud a bhiodh a dhìth air sin - mar eisimpleir, nach eil iad a' pàigheadh càil airson rudan air a tha copyright? :chafhios:

Linn aineòlais a' dlùthadh oirnn?

Posted: Sat Mar 06, 2010 7:05 am
by Gràisg
‘S e rud math gu bheil fhathast airgead sna bancaicean. Saoil dè an saoghal a chìtheadh sinn gun airgead tighinn as na h-innealan sa bhalla? Ach tha prìs again ri phaigheadh agus mar phàirt de sin, tha coltas ann gun tèid ‘Am Baile’ a dhunadh sios.
A-nis nam bheachdsa tha sinn beo ann an linne far a bheil na taighean-tasgaidh air loidhne dìreach cho cudromach sa tha an dearbh rud taobh a-staigh togalach. A bharrachd air sin chan e a-mhàin priseil do luchd na Gàidhlig a tha an goireas seo ach ‘s docha fiu ‘s nas cudromach don Bheurla .
A bheil linn aineolas a’ dlùthadh oirnn? Chan eil ann ach ‘scorched earth policy’ nam bheachdsa. A bheil beachd aig Bord na Gaidhlig? Mar phairt den riaghaltas chan eil aca ri dheanamh ach a’ fuireach nan tosd?

Posted: Sun Mar 07, 2010 1:09 am
by akerbeltz
Uel, carson nach feuch sinn ri airgead a thogail air a shon? £172,000 / £5 = 34,400 daoine. Sin cosgais 2 chupa cofaidh ann an Starbucks. Chan eil sin do-dhèanta... na dèanamaid gearain, dèanamaid iomairt!

PS chan e frithealadh na làraich a tha cosgail ach ullachadh is sgioblachadh an dàta. Feumaidh gu bheil cosnadh dithis 'na bhroinn air a' char as lugha.

Posted: Sun Mar 07, 2010 1:30 am
by Gràisg
'S Fhada bhon a chaidh mise a-steach Starbucks a charaid ach 's e deagh phuing a th'agad.

Re: Soraidh slàn le 'Am Baile' ?

Posted: Sat Mar 27, 2010 12:26 pm
by akerbeltz
... agus mar seo thàinig crìoch air an deasbad :(