Page 1 of 1
Gàidhlig a-mhàin: Sgeulachd gun chrìoch
Posted: Thu Mar 04, 2010 8:50 pm
by GunChleoc
A bheil sibh airson sgeulachd a chruthachadh còmhla? Chan fheum sibh ach facal no dhà no 's dòcha rosgrann gu lèir a chur ris na tha na daoine eile a' sgrìobhadh mar-thà. m.e. sgrìobhaidh an darna duine:
Bha boireannach na suidhe
is sgrìobhaidh an duine eile:
Bha boireannach na suidhe ri taobh na h-uinneige.
amsaa...
Seo a' chiad rosgrann dhuibh:
Bha boireannach na suidhe ri taobh na h-uinneige.
Posted: Thu Mar 04, 2010 10:59 pm
by Seonaidh
...agus bha fear na sheasamh air cùlaibh na duilleige
An e rudeigin mar sin a bha thu a' cliallachadh? No a bheil mi air mì-thuigsinn?
Posted: Fri Mar 05, 2010 6:56 am
by GunChleoc
Tha.
Bha boireannach na suidhe ri taobh na h-uinneige, agus bha fear na sheasamh air cùlaibh na duilleige a' coimhead oirre.
Posted: Wed Mar 10, 2010 7:32 pm
by faoileag
Bha am boireannach sgìth na suidhe ri taobh na h-uinneige, agus bha fear na sheasamh air cùlaibh na duilleige a' coimhead oirre.
(Dè tha thu a' ciallachadh le 'air cùlaibh na duilleige', a Sheonaidh? Am pàirt fosgailte den uinneig?)
Posted: Thu Mar 11, 2010 12:03 am
by Seonaidh
Och, chan eil! Cha robh mi ach a' feuchainn a bhith beagan bàrdachail!
Bha am boireannach sgìth na suidhe ri taobh na h-uinneige, agus bha fear na sheasamh air cùlaibh na duilleige a' coimhead oirre. Nochd i e.
Posted: Thu Mar 11, 2010 7:24 am
by Gràisg
Bha am boireannach sgìth na suidhe ri taobh na h-uinneige, agus bha fear na sheasamh air cùlaibh na duilleige a' coimhead oirre. Nochd i e. Dhlùth e air an uinneig, le gruaim na aodann ach gàire na shùil.
Posted: Thu Mar 11, 2010 8:31 am
by GunChleoc
Bha am boireannach sgìth na suidhe ri taobh na h-uinneige, agus bha fear na sheasamh air cùlaibh na duilleige a' coimhead oirre. Nochd i e. Dhlùth e air an uinneig, le gruaim na aodann ach gàire na shùil. An aithnicheadh i e?