Page 1 of 1

Fàilte dhan àite ùr againn! / Welcome to our new place!

Posted: Sat Mar 13, 2010 10:45 am
by GunChleoc
Seo am bathag-bog ùr dhuibh is tha mi an dòchas nach eil mearachdan aige. Ma bhios duilgheadasan sam bith agad, sgrìobh rudeigin an-seo no cuir post-d thugam.

I have done an update and I hope it will be free of bugs. If you have any trouble, write something here or send me an e-mail.

You might have to clear your cookies before you can stay logged in. If you don't know how to do that, check http://www.aboutcookies.org/ or try this link.

Re: Fàilte dhan àite ùr againn! / Welcome to our new place!

Posted: Sat Mar 13, 2010 2:57 pm
by GunChleoc
Tha an seann bhòrd-brath ri fhaichinn fhathast aig http://www.foramnagaidhlig.net/tasglann/

The old forum can still be viewed at http://www.foramnagaidhlig.net/tasglann/

Re: Fàilte dhan àite ùr againn! / Welcome to our new place!

Posted: Sat Mar 13, 2010 9:49 pm
by Neas Olc
S'caomh leam an coimhead ùr, deagh obair!

Co dhiugh, nuair a bhios mi ga atharrachadh gu 'Gàidhlig' an àite 'British English', atharrachaidh e air ais a-rithist air gach duilleag ur. :(

Re: Fàilte dhan àite ùr againn! / Welcome to our new place!

Posted: Sun Mar 14, 2010 8:26 am
by GunChleoc
Tha e ag obrachadh dhomhsa :smaoin:

An do sguaib thu às dhan bhriosgaid? Feuch an ceangal seo: http://www.foramnagaidhlig.net/foram/uc ... te_cookies

Re: Fàilte dhan àite ùr againn! / Welcome to our new place!

Posted: Sun Mar 14, 2010 9:17 am
by Gràisg
Hi GC sin thu fhèin :moladh: Tha an coltas ùr seo a' còrdadh rium gu mòr. Fhuair mi a-steach mu dheireadh thall le IE7, cha d'rinn Opera 10 a' chuis idir idir.
Ca' bheil a h-uile duine eile, a bheil sibhse faighinn a-steach?

Re: Fàilte dhan àite ùr againn! / Welcome to our new place!

Posted: Sun Mar 14, 2010 10:02 am
by Thrissel
Tha e ag obair gu math ann an Firefox 3.6 (agus chan eil an trioblaid aig Neas Olc agamsa - mhair Gàidhlig ann eadhon nuair a chuir mi an coimpiutair às).

'S math a rinn thu, a GhunChleoc! 'S fìor thoil leam gu h-àraidh na ceanglaichean gu SMO amsaa far a bheil iad a-nis! 8-)

Re: Fàilte dhan àite ùr againn! / Welcome to our new place!

Posted: Mon Mar 15, 2010 9:27 pm
by GunChleoc
I lost all the signatures in a configuration error :(

You can copy them from your profile on the old forum at http://www.foramnagaidhlig.net/tasglann ... ditprofile

To edit your signature, go here: http://www.foramnagaidhlig.net/foram/uc ... =signature

There's also a new user profile field: Ìre cànain / Language level http://www.foramnagaidhlig.net/foram/uc ... ofile_info

ETA: Check your settings before submitting your sig to make sure BBCodes are used if you want them.

Re: Fàilte dhan àite ùr againn! / Welcome to our new place!

Posted: Tue Mar 16, 2010 6:06 pm
by IainDonnchaidh
Uill, tha an fòram glè slaodanach a nis ..... :(

Re: Fàilte dhan àite ùr againn! / Welcome to our new place!

Posted: Thu Mar 18, 2010 6:13 am
by GunChleoc
Cleachd am putan "Freagair gu luath" agus bidh e caran nas luaithe dhut nuair a bhios tu a' sgrìobhadh air a char as lugha.

Tha an clàr-amais rud beag nas slaodaiche dhomsa cuideachd, ach chan eil gu dona. Smathaid gu bheil e doirbh ma bhios seann choimpiutair agad :(

Re: Fàilte dhan àite ùr againn! / Welcome to our new place!

Posted: Thu Mar 18, 2010 6:29 am
by GunChleoc
Ma lorgas sibh mearachd ann an tionndadh Gàidhlig a' bhùird-bhrath, an sgrìobh sibh rudeigin anns an t-sreath seo

Re: Fàilte dhan àite ùr againn! / Welcome to our new place!

Posted: Tue Apr 06, 2010 7:14 pm
by akerbeltz
Dé 's adhbhar gu bheil dathan eadar-dhealaichte air cuid dhe na h-ainmean? Tha GunChleoc trom is donn, Tearlach61 trom is uaine agus càch tana is gorm?

Re: Fàilte dhan àite ùr againn! / Welcome to our new place!

Posted: Tue Apr 06, 2010 7:22 pm
by GunChleoc
Tha na rianairean seorsa de dhearg-dhonn agus na maoir gorm.

Re: Fàilte dhan àite ùr againn! / Welcome to our new place!

Posted: Tue Apr 06, 2010 7:42 pm
by akerbeltz
Bhiodh dùil agam gur e rudeigin dhen t-seòrsa a bh' ann; taing!