Page 1 of 1

a bheil fhios aig duine..?

Posted: Sat Dec 29, 2007 12:44 am
by neoni
mìosan air ais, chuala mi abairt beag snog - rudeigin mar "'s fhearr suilean caraid na sgàthan" ach chan eil cuimhne agam buileach.

an e sin e? a bheil rudeigin coltach ri sin ann? no a bheil mi dìreach a' dèanamh stuth suas?

:?

Re: a bheil fhios aig duine..?

Posted: Sat Dec 29, 2007 1:31 am
by eideard
neoni wrote:mìosan air ais, chuala mi abairt beag snog - rudeigin mar "'s fhearr suilean caraid na sgàthan" ach chan eil cuimhne agam buileach.

an e sin e? a bheil rudeigin coltach ri sin ann? no a bheil mi dìreach a' dèanamh stuth suas?

:?
Tha mi air a' leughadh " Is math an sgàthan sùil caraid." ( A friend's eye is a good mirror.)

Posted: Sat Dec 29, 2007 2:25 am
by neoni
och sin e! mòran, mòran taing!

Re: a bheil fhios aig duine..?

Posted: Thu Jan 03, 2008 1:08 pm
by GunChleoc
neoni wrote:an e sin e? a bheil rudeigin coltach ri sin ann? no a bheil mi dìreach a' dèanamh stuth suas?

:?
Creididh mise gun canar cuir ri chèile

Posted: Thu Jan 03, 2008 6:28 pm
by neoni
seadh, feumaidh mi crioch a chuir air a' bheurla nam ghàidhlig :naire:

Posted: Fri Jan 04, 2008 12:27 pm
by GunChleoc
Bidh abairtean mar sin doirbh ri ionnsachadh - tha iad ro eadar-dhealaichte ann (?) gach cànan :obair:

Posted: Fri Jan 04, 2008 3:01 pm
by neoni
tha.
nuair a bha mi a' tioseachadh gearmaltis bhiodh mi ag radh rudan mar "es ist ein schottlander dass in mir ist" :naire:

Posted: Fri Jan 04, 2008 3:50 pm
by GunChleoc
:lol: :lol: Canar Schotte co-dhiù :P

Posted: Fri Jan 04, 2008 6:46 pm
by neoni
tha mi ceàrr fiu 's nuair a tha mi ceàrr :lol:

Posted: Mon Jan 07, 2008 10:49 am
by GunChleoc
Tha sin ceàrr gu leòr :lol: