Page 1 of 1

Naidheachdan as Ùire mu Madaidhean-allaidh ann an Alasga

Posted: Mon Mar 22, 2010 2:20 pm
by Tearlach61
'S ioma naidheachdan mu madaidhean-allaidh ann an Alasga 's sa choimhearsnachd agam sna làithean mu dheireadh.

Mharbh buidhean de mhadaidhean-allaidh teidsear bochd a bha seo ann an Chignik Lake, baile beag mu ceithir gu leth ceud mìle chun an iar-dheas bho Anchorage. Dh'aithris beagan mu dheidhinn aig aithris na maidne an 18mh na mìos seo:

http://www.bbc.co.uk/iplayer/gd/episode ... 8_03_2010/

Feumaidh sibh dhol gu 1h22m.

Cuideachd tha mi ag aithris mu na thachair ri Romeo 's mu dùn mhòr de chac a lorg mi air an t-slighe 's air dè tha sin a'ciallachadh sa bhlog agamsa:

http://gaidheal.blogspot.com/

Re: Naidheachdan as Ùire mu Madaidhean-allaidh ann an Alasga

Posted: Wed Mar 24, 2010 6:36 am
by GunChleoc
'S e suidheachadh doirbh a tha seo nuair a thigeas a mharabhadh càch a chèile.

An-seo, bidh mòran dhaoine a' càineadh an sluagh ann an dùthchannan eile nuair a thèid a chur às de bheathaichean den leithid an-siud, ach nuair bhithear airson àite a thoirt do na beathaichean faisg orra cha bhi iad gan iarraidh air sgàth 's gu bheil iad "ro chunnartach". :roll:

Re: Naidheachdan as Ùire mu Madaidhean-allaidh ann an Alasga

Posted: Sat Mar 27, 2010 6:23 am
by Tearlach61
Tha daoine ann an èiginn as miosa nuair a thèid iad tarsainn air an t-sràid na bhiodh iad nan robh iad nan seasamh ri thaobh madadh-allaidh fann le acras. Sin an fhìrinn. Ach 's iad na madaidhean-allaidh a chuireas eagal air daoine. Tha mi fhìn gu math deidheil air madaidhean-allaidh. 'S e beathach air leth àlain a th'annta. Tha fhios gum faodadh iad a bhith cunnartach. Ach tha am beatha fhèin cunnartach. Cha leideadh tu do chuid clann cluich am meadhan rathad mòr an rìgh 's neo ri thaobh mhadadh-allaidh acrach.

Tha mi an dòchas gun shoirbhich leis an duine ann an Albha a tha airson madaidhean-allaidh a thoirt a-steachd a dh'Alba. Tha buannachd nan lùib ri thaobh na h-arainneachd. Cuiridh iad àireamhan nan fiadh (agus caorach) sìos. Nuair a bhios cus fèidh ann, ithidh iad suas na craobhan nuair a tha iad fhathast òg 's tha e doirbh coilltean stèidheachadh.