Page 1 of 1
Bliadhna ùr
Posted: Tue Jan 01, 2008 2:09 am
by Lughaidh
Bliadhna mhath ùr dhuibh uile, a chàirdean !

Posted: Thu Jan 03, 2008 5:35 am
by Tearlach61
An leithid ceudna dhut.
Chuck
Posted: Thu Jan 03, 2008 1:24 pm
by GunChleoc
Bliadhna mhath ùr agus dhutsa!
Tha mi aig taigh mo charaid fhathast

Posted: Thu Jan 03, 2008 6:21 pm
by *Alasdair*
Bliadhna mhath ùr a h-uile duine!
Posted: Fri Jan 04, 2008 12:10 pm
by Coinneach Cìr
Leithid cheudna dhuibh 
Re: Bliadhna ùr
Posted: Fri Jan 04, 2008 4:38 pm
by Rù-ra
Re: Bliadhna ùr
Posted: Fri Jan 04, 2008 5:26 pm
by Coinneach Cìr
Rù-ra wrote:Mar sin dhuibh uile and mòran diubh.

"agus mòran dhaibh", an e? No "mòran aca"? Chan eil mi buileach cinnteach dè tha thu ag ràdh 
Re: Bliadhna ùr
Posted: Fri Jan 04, 2008 5:55 pm
by Rù-ra
Coinneach Cìr wrote:Chan eil mi buileach cinnteach dè tha thu ag ràdh

Duilich - agus mòran d
hiubh - mar a thuirt na Muilich.
"and many of them"
Re: Bliadhna ùr
Posted: Fri Jan 04, 2008 6:26 pm
by Coinneach Cìr
Rù-ra wrote:Duilich - agus mòran dhiubh - mar a thuirt na Muilich.
"and many of them"
Nach e "dhaibh" a bhiodh ann an àite dhuibh? 'S dòcha gu bheil mu leughadh seo ceàrr no tha abairt shònraichte aig na Muilich.
Re: Bliadhna ùr
Posted: Fri Jan 04, 2008 9:28 pm
by Rù-ra
Coinneach Cìr wrote:Nach e "dhaibh" a bhiodh ann an àite dhuibh?
Chan e (uill, chan e ann am Muile co-dhiù).
Canaidh cuideigin an seo "Bliadhna mhath ùr",
agus freagraidh cuideigin eile " Mar sin dhuit fhèin, 's mòran dhiubh".
'S dòcha gur e abairt shònraichte aig na Muilich gu dearbh. Chan eil fhios 'm.

Posted: Fri Jan 04, 2008 11:04 pm
by Coinneach Cìr
Tha sin inntinneanach. Bha mi a ciallachadh "aca" a sgrìobhadh cuideachd gu h-àrd nuair a sgrìobh mi "dhaibh". Co-dhiù tha rudan diofraitche aig gach sgìre gun teagamh.
Posted: Tue Jan 08, 2008 1:14 am
by Neas Olc
Mo leisgeul, tha mi màirnealach mu rudeigin mar seo, agus cha robh an fòram a'feumachadh idir an-dè. Bliadhna mhath ùr dhiudh uile cuideachd!