A chàirdean coire,
Ma dh'fhaoite gum bi fios aig cuid agaibh mar-thà, ach bidh AbairThusa a' cleachdadh sèirbheasan Ning.com airson lìon-sòisealta a chruthachadh. Gu ruige seo tha Ning air a bhith saor an-asgaidh ri chleachdadh, ach an-dè leig iad fios dhomh gum bi iad a' cur stad air na sèirbheisean saor-an-asgaidh aca agus gum feum lìn-sòisealta Ning paigheadh air an son.
Ged a bhios mi a' paigheadh airson cuid dhe na sèirbheasan eile aig Ning, chan eil mi cinnteach fhathast ma bhios mi comasach air pàigheadh airson a h-uile fear, agus mar sin dheth, chan eil mi cinnteach ma bhios a' tachairt le AbairThusa.
Tha Ning air ràdh gum bi iad a' foillseachadh na plànaichean aca taobh a-staigh trì seachdain, so cuiridh mi barrachd fiosrachaidh thugaibh an uairsin.
Ach airson an-dràsta bu toigh leam faighneachd oirbh: Ma bhios agam ri Ning fhàgail, am bi sibh airson an AbairThusa gluasad ri sèirbheis eile neo am bi sibh toilichte gu leòr gun AbairThusa idir?
'S urrainn dhuibh ur molaidhean neo beachdan a chur thugam air post-d (fios@abairthusa.co.uk) air Twitter (@AbairThusa), air Fòram AbairThusa neo air Fòram na Gàidhlig
Dùrachdan,
Crìstean
Droch naidheachd bho Ning: AbairThusa ri dùnadh??
-
- Rianaire
- Posts: 4607
- Joined: Mon Sep 17, 2007 11:26 am
- Language Level: Mion-chùiseach
- Corrections: Please correct my grammar
- Location: Dùthaich mo chridhe
- Contact:
Re: Droch naidheachd bho Ning: AbairThusa ri dùnadh??
Is dòcha gum biodh putan PayPal soirbheachail dhut?
Chan eil mi air AbairThusa gu tric feumaidh mi ràdh air sgàth 's nach eil lìontan sòisealta mo dhòigh-bheatha àbhaisteach, ach cuirinn beagan airgid dhut.
Chan eil mi air AbairThusa gu tric feumaidh mi ràdh air sgàth 's nach eil lìontan sòisealta mo dhòigh-bheatha àbhaisteach, ach cuirinn beagan airgid dhut.
Oileanach chànan chuthachail
Na dealbhan agam
Na dealbhan agam