Page 1 of 1

Ràdh na Seachdaine 15 - Air cabhsair mo shòlais

Posted: Thu May 27, 2010 2:40 pm
by An Gobaire
Tha fios agaibh dè th' ann an 'cabhsair', a bheil?

'S e an cabhsair a chanas muinntir Eirisgeigh, Beinn na Faodhla is nan Uibhistean ris an drochaid-rathaid a tha a-nis a' ceangal nan eilean gaolach aca ri chèile.

Canar 'cabhsair-sràide' ri oir chumhang na sràide air am bi an sluagh a' coiseachd.

Co-dhiù tha abairt ann "aig mullach mo shòlais"...a' ciallachadh gu bheil thu cho toilichte no cho sona 's a dh'fhaodadh tu a bhith.
Agus, 's e sin dìreach na tha an abairt seo a' ciallachadh.

Mar anns an duan le Dòmhnall Iain MacDhòmhnaill à Uibhist a Deas.

"'S mi fhìn air cabhsair mo shòlais
Sinn a' seanchas anns an àm sin.."

Re: Ràdh na Seachdaine 15 - Air cabhsair mo shòlais

Posted: Mon May 31, 2010 4:12 pm
by faoileag
Bhithinnsa air cabhsair mo shòlais nam biodh an t-sìde bhrèagha a bha againn airson tighinn air ais agus mairsinn! :P

Re: Ràdh na Seachdaine 15 - Air cabhsair mo shòlais

Posted: Wed Jun 02, 2010 7:59 am
by GunChleoc
Deagh bheachd! Tha mi fhìn seachd searbh sgìth den fhionnaireachd :roll:

Re: Ràdh na Seachdaine 15 - Air cabhsair mo shòlais

Posted: Sat Jul 10, 2010 9:01 am
by GunChleoc
On top of the world sa Bheurla?

Re: Ràdh na Seachdaine 15 - Air cabhsair mo shòlais

Posted: Sat Jul 10, 2010 10:22 am
by An Gobaire
Gun teagamh, sin a chuirinn air. Ach cuimhnich gu bheil abairt eile ann a tha coitcheann, agus 's e sin "air mullach mo shòlais". Chuirinnn "on top of the world" air an dà chuid ge-tà.

Chan eil mi cinnteach, ach chanainn gur e abairt ionadail a th' ann an "air cabhsair mo shòlais"....chan fhaca mi e ach ann an aon òran leis an Uibhisteach a sgrìobh "Fo sgàil a' Swastika' .

Ann an sgìrean eile Gàidhealtachd an àma sin, a leithid an t-Eilean Sgitheanach, Eileanan Earra-Ghàidheil, agus ann an àiteachan air tìr-mòr a leithid Siorrachd Rois, no Bail' a' Chaolais, Cataibh...cha robh cabhsair ann ...mar sin, chan eil mi a' smaoineachadh gum biodh iad ga chleachdadh...ach fuirich ort...an robh cabhsair ann an Uibhist aig an àm seo? Aig àm an dàrna cogaidh>???????

Re: Ràdh na Seachdaine 15 - Air cabhsair mo shòlais

Posted: Sun Jul 11, 2010 12:02 am
by faoileag
Carson nach faighnich thu de Gordon Wells? 'S urrainn dha-sa faighneachadh de dhaoine aosta san Eilean.

Re: Ràdh na Seachdaine 15 - Air cabhsair mo shòlais

Posted: Sun Jul 11, 2010 11:59 am
by akerbeltz
Bha cabhsairean beag ann fad mun robh an fheadhainn mhór ann!