Page 1 of 1

Am bi a h-uile càil a' dol fodha ann an uine nach bi fada

Posted: Fri Jan 04, 2008 10:04 pm
by Gràisg
A-rèir an Telegraph tha Là-luain nam bancaichean faisg air làimh. Tha feadhainn a-mach air ciamar a bhiodh 1929 dìreach mar sgriob sa pharca an taca ris a tha a-nis air faire. Deagh àm gus cursa làn uine a dhèanamh aig an t-sabhal mhòr. Tha gineadair-dealain aca thall an sin a-nis nach eil? :grian:
Allways look on the bright side of life, de de, de de... :cleasaiche:

http://www.telegraph.co.uk/money/main.j ... xml&page=1

PS bu chòir dhomh a bhith sgrìobhadh 3500 facail mu dheidhinn bàrdachd ach tha mi ro leisg.

Posted: Fri Jan 04, 2008 11:31 pm
by neoni
cosgaibh an t-airgead a th'agaibh fhad 's a tha airidh air :P

Posted: Wed Jan 09, 2008 6:13 pm
by GunChleoc
Tha sibh ro anmoch, thig crìoch air an t-saoghal a-màireach :truas:

Posted: Wed Jan 09, 2008 10:16 pm
by Coinneach Cìr
GunChleoc wrote:Tha sibh ro anmoch, thig crìoch air an t-saoghal a-màireach :truas:
Tha tòrr agam ri dhèanamh a-màireach ma bhios mi beò....

Posted: Thu Jan 10, 2008 7:39 am
by GunChleoc
Uill, thàinig i. Tha an amhach goirt orm agus tha mi a' faireachdainn mar pìos de chac mar a chanas iad :tinn: :boile: