Ciad AlbRèile, An Gearasdan

Na tha a' tachairt ann an saoghal na Gàidhlig agus na pàipearan-naidheachd / What's happening in the Gaelic world and the newspapers
Seonaidh
Posts: 1486
Joined: Fri Apr 04, 2008 8:00 pm
Corrections: I'm fine either way
Location: Faisg air Gleann Rathais

Ciad AlbRèile, An Gearasdan

Unread post by Seonaidh »

Chuir mi litir do Chiad AlbRèile - Customer Relations sa Ghearasdan, àite far an tèid Gàidhlig a bhruidhinn le cuid - agus seo iadsan gun oidhirp airson Gàidhlig a chleachdadh. Tha mi air gearan a chur gu Bòrd na Gàidhlig ach gun chluinntinn dad air ais fhathast. Dè tha ceàrr le gach? Dìth fèin-mhisneachd? Creideamaid annainn fhìn!
mise wrote:A chàirdean,
Seirbheisean na Sàbaid eadar Fìobha is Peairt
Tha seirbheisean math ann Diluain-Disathairne, le trèana gach 2 uair (gu tric gach uair) eadar Inbhir Chèitean, Cathair Challdainn, Marg Innis is Ladybank agus Peairt. Ach chan eil ach 3 trèanaichean Didòmhnaich – gun tadhal a chur ann am Marg Innis no Ladybank.
Tha, an-dràsta, seirbheis bus eadar Gleann Rathais is Peairt (’s e an stèisean airson Gleann Rathais a th’ ann am Marg Innis co-dhiù) Didòmhnaich – ach cha bhi nas motha an dèidh 19 an Iuchair. Ciallaichidh seo nach bi ceangal còmhdhala poblaich ri fhaighinn Didòmhnaich eadar an dà bhaile (Gleann Rathais is Peairt).
An dràsta, tha trèana Dùn Èideann – Inbhir Nis Didòmhnaich a dh’fhàgas Cathair Challdainn aig 1010, nach eil ach 7 mionaidean às dèidh trèana Dùn Dè a chuireas tadhal air Marg Innis is Ladybank agus chan urrainn dhi luaths fhaighinn ro Ladybank air sgàth sin. B’ urrainn dhuibh an clàr-ama atharrachadh gus an tadhail an trèana ud air an dà stèisean Marg Innis is Ladybank gun àm a chall. Agus tha trèana nas slaodaiche aig 1428 bho Chathair Challdaidh (44 mionaidean airson Peairt a ruighinn – gun stad eatarra!). Cuideachd, chan eil an trèana mu dheireadh (Cathair Challdainn 1823) a’ dol seachad air Peairt, far a bheil 14 mionaidean airson trèana Inbhir Nis fhaighinn. Gu geàrr, b’ urrainn gach trèana tadhal air Marg Innis is Ladybank gun bhuaidh a thoirt air seirbheisean eadar Peairt is Inbhir Nis.
Chan eil ach dà trèana bho Peairt gu Cathair Challdainn Didòmhnaich: dè mu dheidhinn tè eile aig, ’s dòcha, 1210 (tha Ceann-feadhna na Gàidhealtachd a’ tadhal air Peairt aig 1157) – agus dè nam biodh na 3 trèanaichean (an tè ud, 1525 is 2046) a’ tadhal air Ladybank is Marg Innis cuideachd?
Dùrachdan,
(tron phost-d)
Seonaidh
iadsan wrote:Dear Ms
Thank you for your email of 8 June 2010. I would be grateful if you could resend your correspondence in the English language. Thank you for contacting ScotRail. If there is anything else I can help you with, please do not hesitate to contact us again. Should you need to reply to this email, please respond to scotrailcustomer.relations@firstgroup.com.
Yours sincerely Customer Relations Advisor
mise wrote:Tha mi air ur lìtir a chur air adhart gu Bòrd na Gàidhlig. Is urrainn dhuibh - agus gu dearbh 's ann gum bi sibh - dèanamh nas fheàrr na seo. Agus a bheil sibh eòlach air an diofar eadar "Seonaidh" is "Seònaid"?
iadsan wrote:Dear Mr
Thank you for your email dated 11 June 2010 regarding your recent correspondence with our office. As advised by my colleague, I would be grateful if you could resend your email in English language. On receipt of your reply I will be happy to assist further. Thank you for contacting ScotRail. Should you need to reply to this email, please respond to scotrailcustomer.relations@firstgroup.com.
Yours sincerely Customer Relations Advisor


*Alasdair*
Posts: 507
Joined: Thu Sep 27, 2007 6:11 pm
Language Level: Gu math siubhalachd
Corrections: I'm fine either way
Location: Alba
Contact:

Re: Ciad AlbRèile, An Gearasdan

Unread post by *Alasdair* »

Tha mi cinnteach gun robh ud a' toirt sùil beag san fhaclair 'son a bhith a' faicinn nach e "Ms" a th' annad co-dhiù. 'S e toiseach toiseachaidh a tha siud!
Post Reply