Page 1 of 1
Fuaimneachadh de -irt & -ist
Posted: Sat Jun 19, 2010 8:48 pm
by Thrissel
Gu sònraichte, an -t mu dheireadh. Tha an trioblaid seo agam son ùine fhada:
A rèir riaghailt an litreachaidh, leathann ri leathann is caol ri caol, bhithinn a' smaoineachadh gum fuaimneachar e /-t?/. Agus sin na tha mi a' cluinntinn nuair a tha rudeigin eile as dèidh an -t, mar eisimpleir ann am faclan abairtean, ceistean, glaiste amsaa. Ach nuair 's e litir gu lèir deireannach a tha ann an -t, me ann am faclan a-rithist, goirt, àbhaist amsaa, tha mi a' cluinntinn (no a' smaoineachadh gu bheil mi a' cluinntinn - an aon rud dhomhsa) gu ma tric /-t/. Gu dearbh, chanainnsa gu bheil mi a' cluinntinn /-t/ nas trice na /-t?/ ann am faclan mar sin.
A bheil mo chluasan a' cluich cleas orm no thèid na faclan sin fhuaimneachadh mar sin cuideachd? (Agus ma thèid, a bheil gnothach dualchainnte a tha ann?)
Re: Fuaimneachadh de -irt & -ist
Posted: Sat Jun 19, 2010 11:04 pm
by Seonaidh
Mar as àbhaist, "t?". Cuimhnich gun canar R is S mar "r?" is "?": 's dòcha gur ann doirbh a bhiodh cluinntinn an diofar eadar "t" is "t?" an dèidh "r?" no "?". Mar "szcz" sa Phòlais: an e "?t" no "?t?" a th' ann? (Szczeczin, Stettin...).
Seadh, dè mu dheidhinn "esan"? No "Is mise ['S mise] Hieronymus"? Tha rudan air leth anns an uile cànan. Smathaid gum bi rudeigin aig Leòdhasais: tha mi air cluinntinn Leòdhasach ag ràdh "splaoid" le "d", an àite "dzh", m.e.
Re: Fuaimneachadh de -irt & -ist
Posted: Sun Jun 20, 2010 8:34 am
by GunChleoc
Saoilidh mi gun cuala mi an dà chuid cuideachd. 'S e seòrsa de assimilation a th' ann gun teagamh - tha e nas fhasa [t] fhuaimeachadh an dèidh [r] no [?]. Akerbeltz, dè do bheachd?
Re: Fuaimneachadh de -irt & -ist
Posted: Sun Jun 20, 2010 1:04 pm
by faoileag
Chan eil mi cinnteach mas seo an aon rud, ach leugh mi seo ann an Gaelic in 12 Weeks le Ó Maolalaigh is MacAonghuis:
"All modern dialects of Scottish Gaelic insert 's' in 'rt' clusters in monosyllables. However not all dialects insert the 's' in 'rd' clusters or in 'rt' in unstressed (i.e. second) syllables."
Eisimpleirean a thug iad:
ceart (always + s) = rt and monosyllable
sagart and àrd (not always +s) = rt second syllable; rd monosyllable.
Re: Fuaimneachadh de -irt & -ist
Posted: Sun Jun 20, 2010 2:46 pm
by Thrissel
Tha thu ceart - tha mi an ìre mhath cinnteach gun do chuala mi
àrd agus a leithid an dà chuid mar "r" is mar "rs" cuideachd.
Agus 's e fìrinn na tha thusa ag ràdh cuideachd, a Sheonaidh - mar eisimpleir, nuair a tha am fear ag ràdh
thèid anns an dàrna naidheachd
an seo, tha mi a' cluinntinn "d" no eadhon "dj" an àite "dzh" no "tsh"...
Re: Fuaimneachadh de -irt & -ist
Posted: Mon Jun 21, 2010 9:16 am
by Níall Beag
Thrissel wrote:Agus 's e fìrinn na tha thusa ag ràdh cuideachd, a Sheonaidh - mar eisimpleir, nuair a tha am fear ag ràdh
thèid anns an dàrna naidheachd
an seo, tha mi a' cluinntinn "d" no eadhon "dj" an àite "dzh" no "tsh"...
Am bi sin a tachairt anns na blasan far an téid "eu" na fuamnachadh mar "é" no mar "ia"?
(Theory: if "thèi" sounds the same as "theu", then their internal sound-map may be using an "eu" phoneme to represent this, so to them the D would have to be broad.)
Re: Fuaimneachadh de -irt & -ist
Posted: Mon Jun 21, 2010 1:32 pm
by akerbeltz
Duilich, bha mi aig banais.
Ann an cuid dhe na badan chonsan, tha cuid dhe na dual-chainntean a' tionndadh caol > leathann, m.e. thuirt [hu?R?d?] vs [hu?R?d]
Faodaidh rudan eile tachairt cuideachd. Cha toigh leis a' Ghàidhlig barrachd air 2 consan taobh ri taobh san fharsaingeachd agus ann an iomadh dual-chainnt, tha dòigh eile ann gus déiligeadh ris a' bhad gu h-àrd. Bidh an r a' cur blas retroflex air na consain eile 's an uairsin a' crìonadh air falbh: thuirt [hu??]
Agus iomadh rud eile eadar an dà: [hu?R?d?] [hu?R?d] [hu?Rsd] [hu???] [hu??]
Mar fhuaimneachadh sa mheadhan, tha mis' a' moladh: irt [R?d?] agus ist [i?d?]
PS: bithidh faiceallach le juncture phenomena, tha caol/leathann ag atharrachadh uaireannan ann an cainnt a-réir dé 'n ath-fhacal. Gu riaghailteach le rudan mar seo: ag òl [? g??L] vs ag ithe [? g?iç?] Faodaidh gun robh an neach a bha bruidhinn a' dì-chaolachadh d air sgàth m leathann a bha 'na dhéidh. Ach cha chuala mi seo ro thric 's cha mholainn e sa chiad dol a-mach.
Re: Fuaimneachadh de -irt & -ist
Posted: Tue Jun 22, 2010 6:57 pm
by Thrissel
Ceart gu leòr, bidh mi a' cleachdadh [-R?d?] agus [-i?d?], ach cha ghabh mi iongnadh nuair a chluineas mi rudeigin car eadar-dhealaichte. Mòran taing dhuibh uile!
Eadar dà sgeul - a bheil mi ceart nuair a tha mi a' smaoineachadh gur e [d?] "unvoiced version" de [?], coltach ri [d?] agus [d]? Tha mi a' faighneachd on a tha [?] gu math cumanta sa Sheacais, me taing = díky [?i:k?].
Re: Fuaimneachadh de -irt & -ist
Posted: Tue Jun 22, 2010 8:29 pm
by akerbeltz
'S e do bheatha!
Tha mi cleachdadh [b d g bj d? g?] agus [p t k pj t? k?] air sgàth 's gu bheil iad nas fhasa ri leughadh na [p t? k pj t? k?] agus [p? t?? k? p?j t?? k??]. Tha thu ceart gu bheil [?] faisg air [d?] ach chan cho-ionnan iad. Tha [d?] 'na palatalised stop agus [?] 'na palatal stop (nas fhaide air cùlabh sa bheul). Tha diofar allophones aig d caol ge-tà, eadar [d?] is [d?] ach chan fhaca 's cha chuala mi riamh [?] sa Ghàidhlig.