Page 1 of 1

Àite dhomh fhìn (Ràdh na Seachdaine)

Posted: Sat Jul 10, 2010 10:14 am
by An Gobaire
A thighearna, fhuair mi àite dhomh fhìn a-nis, le ràdh na seachdaine... :curam: Tha uallach orm a-nis ga chumail suas!

Gunchleoc chòir,

A bheil seo a' ciallachadh nach fhaod daoine eile am beachdan a chur mar fhreagairt do gach ràdh a chuireas mi ann?

Mura faod iad freagairtean a chur ann, ma nì mi mearachd, cò bhios gam chur ceart?

Tapadh leat ge-tà. Bidh e nas fhasa a-nis lorg fhaighinn air gach abairt mar chlàr fiosrachaidh. :D

Re: Àite dhomh fhìn (Ràdh na Seachdaine)

Posted: Sat Jul 10, 2010 12:25 pm
by GunChleoc
Faodaidh gach duine beachd a chur ris, ach chan fhaod sreathan ùra a chruathachadh ;)

Mura faod, rinn mi mearachd is innsibh dhomh :D

ETA: Liosta nan gnàthasan air ar làrach-lìn / Overview on our homepage