Dè th' ann am "fraighean" ma-tà?"Tha mi air m' fhàgail air fraighean fàsa a-rithist"
'S e seo seòmar-cùil air choireigin, mar as trice ri taobh a'chidsin, far an tèid stòras bìdhe a chumail.
'S e buadhair a th' ann am "fàs" san rosgrann (t-seantans) seo a' ciallachadh "falamh" no "bàn"...
Mar sin, dh' fhaodadh tu an abairt seo a chleachdadh ann an iomadh suidheachadh, a' ciallachadh gu bheil thu air d' fhàgail gun dad sam bith a leigeas leat piseach, no leasachadh, a thoirt air cùis àraidh.
Bha am fear a sgrìobh an abairt seo a' gearan air mar nach biodh tidsearan Gàidhlig a' fuireach ach aon bhliadhna mar as trice ann an sgoiltean na sgìre far an robh e na riaghladair ann an Canada. Bhiodh iad a' togail orra chun nam bailtean mòra agus bhiodh aige an uairsin ri tidsear a lorg a-rithist....rud a bheireadh ùine nan ùineachan gach turas. Mar sin bhiodh clann na sgìre air am fàgail gun fhoghlam sam bith tron Ghàidhlig fad greis mhòr mun lorgadh tidsear ùr.
Mar sin, bha am fear seo air fhàgail air fraighean fàsa a dh'aindeoin nan oidhirpean cruaidh a rinn e gus tidsear Gàidhlig a tharraing chun na sgìre.