Page 1 of 1

Obh obh, na Gearmailtich...

Posted: Sat Jul 24, 2010 3:37 pm
by Thrissel
Cheannaich mi o chionn ghoirid an t-inneal a thathar a' cleachdadh nuair a dh'fheumadh socaid agus pluga eadar-dhealaichte a cheangal - uill, "travel adapter", agus chuir e iongnadh orm. A bheil na Gearmailtich a' smaoineachadh gur e "Commonwealth" facal eile airson "England" sa Bheurla? :spors:

http://www.youtube.com/watch?v=BN2zmXFirQQ

Re: Obh obh, na Gearmailtich...

Posted: Sun Jul 25, 2010 3:03 pm
by GunChleoc
Chan eil is canaidh iad England ris an Rìoghachd Aonaichte gu tric. Cha chreid mi gu bheil a h-uile duine taobh a-muigh saoghal na Beurla eòlach air an Commonwealth is tha e nas fhèarr England a' sgrìobhadh air innealan den leithid an ìre pragtaigeach. :P

Nam bheachd-sa, bu choir dhaibh Großbritannien a chur ris air a char as lugha

Re: Obh obh, na Gearmailtich...

Posted: Sun Jul 25, 2010 3:44 pm
by Thrissel
GunChleoc wrote:Cha chreid mi gu bheil a h-uile duine taobh a-muigh saoghal na Beurla eòlach air an Commonwealth.
Sin a' phuing agamsa, nach e? 'S e England-Hongkong-Schottland ceart gu leòr (eadhon ged...), 's e Commonwealth-Hongkong-Scotland a tha neònach, nach e?

Air an làimh eile, bha mi a' lorg Auld Lang Syne air a sheinn le fear no tè sam bith sa Sheacais an-dè air YouTube agus chunnaic mi rudan mar "sean òran Sasannach" no "Ceòl: Robert Burns"... abaiream pax ma tha... :)

Re: Obh obh, na Gearmailtich...

Posted: Sun Jul 25, 2010 6:45 pm
by GunChleoc
:lol:
Thrissel wrote:'s e Commonwealth-Hongkong-Scotland a tha neònach, nach e?
Oich, chan faca mi seo :mc:

Re: Obh obh, na Gearmailtich...

Posted: Sun Jul 25, 2010 8:13 pm
by An Gobaire
Chan eil Hong Kong anns a' Cho-fhlaitheis. Tha e ann an Sìona.

Re: Obh obh, na Gearmailtich...

Posted: Mon Jul 26, 2010 5:58 am
by GunChleoc
Tha, ach nach robh e ro 1999? 'S dòcha gur e inneal seann-fhasanta a th' ann :P

Re: Obh obh, na Gearmailtich...

Posted: Mon Jul 26, 2010 4:55 pm
by Thrissel
Tha an duilleag seo ag ràdh nach robh:

Hong Kong was not a member but participated in certain elements as a British colony; these ceased after the 1997 handover of British rule to China.

Nach do ghabh an RA dìreach iasad de Honk Kong bho Shìona airson 99 bliadhna?