Leasachadh Cill Bhig -- deagh no drochd rud?

Na tha a' tachairt ann an saoghal na Gàidhlig agus na pàipearan-naidheachd / What's happening in the Gaelic world and the newspapers
Níall Beag
Rianaire
Posts: 1432
Joined: Sun Sep 23, 2007 6:58 pm
Language Level: Fluent (non-native)
Corrections: I'm fine either way
Location: Sruighlea, Alba
Contact:

Leasachadh Cill Bhig -- deagh no drochd rud?

Unread post by Níall Beag »

http://www.bbc.co.uk/scotland/alba/naid ... lbeg.shtml

Tha mis' ag aontachadh le Niall Mac Rath
"'S e baile ùr gu tur Gallta a bhios ann. Bidh a' Ghàidhlig air a putadh a-mach chun an iomaill. Bidh suidheachadh na Gàidhlig fiù 's nas miosa na tha e an-dràsta,"

Tha mise den bheachd gur Sléite na h-àite ceàrr airson an t-Sabhal Mór, air sgaths nach eil Gàidhlig gu leòr san sgìre. Chan eil mi air aobhar sam bi a leughadh airson mineachadh ciamar a bhios am baile ùr a deanamh sian airson a' Ghàidhlig. Chan eil ann ach geallaidhean gun susbaint.
Seonaidh
Posts: 1486
Joined: Fri Apr 04, 2008 8:00 pm
Corrections: I'm fine either way
Location: Faisg air Gleann Rathais

Re: Leasachadh Cill Bhig -- deagh no drochd rud?

Unread post by Seonaidh »

Tè dhoirbh ri socrachadh. Cha bhi na "baile Gàidhlig", cha bhi na "baile Gallda", 's e rudeigin eatarra a bhios. Ma bhios SMO a' buannachadh airgid bhuaipe, bidh sin a' leasachadh na Gàidhlig fiù 's gum bi Goill a' ceannachadh na mòrchuid den taighean. Mu dheidhinn obrach - tha mi cinnteach gum bi mòran a bhios ag obair an SMO a' lorg taighean an siud.

Ach tha aon rud nach toigh leam idir - "dachaigh chùraim do sheann daoine". An e dìth a th' anns an Eilean? San latha an-diugh - agus a rèir beachd mheidigich - 's e fuireach ann an dachaigh fhèin as feàrr far an urrainear. Bhiodh na b' fheàrr airgead a chosg air na seann daoine fhrithealadh nan dachaighean fhèin an àite granny farm eile a thogail.
Post Reply