Page 1 of 1

Tuilleadh air trèanaichean de bheagan vitesse.

Posted: Fri Jan 11, 2008 12:14 am
by Gràisg
Beagan ro Nollaig chaidh mi sìos gu deas airson grunn làithean ach cha robh e furasta dhomh ann a bhith a’ fàgail Inbhir Narann. Tha trèana a’ falbh Inbhir Nis aig 0755 gu Lunnainn agus ma tha amas agad an t-seirbheis sin a chleachdadh tha trèana eile agad a-mach à Inbhir Narann aig 0725 ach gu mì-fhortanach chan urrainn dhut a bhith cinnteach gum bi e ann aig 0725.
Suas aig an stèisean thachair mi air trì boireannaich a bha mi eòlach air agus bha iadsan a’ dol sìos gu Dùn Èideann leis an cuid cloinne airson deireadh seachdain ann an taigh-òsta. An turas mu dheireadh a bha mi a’ feitheamh air an 0725 bha tè dhiubh a’ feitheamh cuideachd agus bha aice an trèana gu lunnainn fhaighinn gus Hull a’ ruigsinn agus bàt'-aiseig a-nall dhan Òlaind, bha mise a’ dol shìos gu Portsmouth agus bàt'-aiseig gu St Malo agus bha e deatamach gum biodh mi air an trèana gu Lunnainn. An turas ud cha tàinig an 0725 ach fhuair sin lioft agus fhuair sin a-steach an 0755 aig a’ mhionaid mu dheireadh. An turas seo bha mi ri fella-dhà rithe mu dheidhinn an turas mu dhiereadh.
An uair sin thàinig duine a-mach às an oifis agus thuirt e dhuinn, ‘ Tha mi duilich ach tha an trèana deich mionaid air dheireadh air sgàth ‘s nach robh na fònaichean ag obrachadh mar bu choir sna h-àiteachan far an robh an rèile a’ dol tarsainn na rathaidean iomallach agus leis a sin feumaidh an trèana a dhol slaodach a-rèir na riaghailtean.


Airson faighinn a-mach dè thachair brùth air an 'www' agamsa

Posted: Sun Jan 13, 2008 10:40 am
by Coinneach Cìr
Inntinneach fhèin a Ghràisg agus 's e an fhìrinn a th' agad, tha staid na trèanaichean dìreach sgràthail san dùthaich seo. Chur mise seachad 4 mìosan nam oileanach sa Fhraing agus chaidh mi air TGV dà thuras, bha e cho math sa ghabhas. Bha sinn a falbh cho luath bha e coltach ri itealan ged a bha sinn air talamh.....dol seachad air càraichean air na autoroutes mar gun robh iad nan stad.
Agus an t-seachdain seo chaidh bha na trioblaidean air an loidhne 's àbhaist dhomh a bhith cleachdadh air mo shlighe dhan oifis, thoir sùil air an leanas ma bhios ùidh agad. Tha mi 'n dòchas gum bidh iad a ruith mar 's còir a-màireach :?
http://news.bbc.co.uk/1/hi/scotland/glasgow_and_west/7179973.stm
Co-dhiù tha mise smaoineachadh nach bu chòir an roinn prìobhaidich a bhi ruith na trèanaichean againn agus feumaidh an riaghaltas a bhith deònach barrachd airgead a cur ri leasaichean rèile. Tha loidhne luath againn eadar Lunnainn agus Paris a-nis, gabhaidh e dhèanamh.....

Posted: Sun Jan 13, 2008 11:51 am
by Gràisg
'tha mise smaoineachadh nach bu chòir an roinn prìobhaidich a bhi ruith na trèanaichean againn'
Tha mise ag aontachadh le sin a Choinnich, ma 's math mo chuimhne nach robh fiù 's a' Mhairead Bheannaichte airson nan trèanaichean a' toirt a-steach don roinn phrìobhaidich agus 's e an duine leis na Y-fronts a rinn sin. Aig an àm ud bha iad a-mach air an airgead a bha an riaghaltas a a' cur steach do British Rail ach a-nis an taca ris na làithean ud tha fada a bharrachd a' dol a-steach gun mòran toradh tighinn às. Co-dhiù nan robh sinn fo smachd na Iompaireachd Frangach bhiodh loidhne TGV bho Inbhir Nis gu Lunnainn a-nis. Tha fhios agam cuideach cho luath 's spaideil a tha na TGV's agus chan eil iad ro dhaor idir eadhon nuair a cheannaicheas tu ticead fichead mionaid mus tig an trèana. Rennes gu Paris 2 uair a thìde agus Paris gu Lunnainn 2 uair a thìde eile, an uair sin latha eile gus Inbhir Narann ruigsinn lol

Posted: Sun Jan 13, 2008 11:23 pm
by Coinneach Cìr
Gràisg wrote:agus 's e an duine leis na Y-fronts a rinn sin.
Chòrd siud rium!!
Aidh rinn iad sgrios uabhasach nuair a chur iad an siostam prìobhaideach a-steach. Tha cuimhne agam gun deach a h-uile càil a dhèanamh le cabhag air sgàth 's gun robh fios aca gun dèideadh an cur dhan sitig aig na taghaidhean :lol:

Posted: Tue Jan 15, 2008 9:53 pm
by GunChleoc
Chòrd dealbh an treana rium, a Ghràisg :lol:

Posted: Wed Jan 16, 2008 8:46 pm
by Lughaidh
Tha mise a' fuathachadh luchd nan trèanaichean Frangach ! Bithidh iad air deireadh nuair nach bi iad air strike, agus tha iad glè dhaor (thug mi 51€ air turas fo Phàras gu Rennes, 2 uair a thìde).

Nuair a bha mi nam oileanach ann am Pàras, rinn iad sin strike gu dìreach air làithean nan deuchainnean, a chionn sin bha tòrr oileanach nach b'urrainn dhaibh tigheann a dhèanamh nan deuchainnean agus a chaill am bliadhna ollthaighe.

Posted: Wed Jan 16, 2008 9:27 pm
by GunChleoc
Carson nach b' urrainn do na oilthaighean na deuchainnean a chur air dòigh ann an seachdain eile nuair a robh sin a' tachairt? Tha Pàras glè mòr, cha ruig thu àite sam bith a' coiseachd.

Posted: Wed Jan 16, 2008 9:30 pm
by Gràisg
Halò a charaid,
Tha mi fhathast a' smaoineachadh nach eil cus trioblaidean agaibh an taca ris a' bhrocan ann a sheo. Ach co-dhiù tha fhios agam gu bheil feadhainn mi-thoilichte leis an SNCF air sgath's nach eil iad taiceil idir dhan bhreatnais. Thachair mi air bhideo...

http://www.youtube.com/watch?v=WQaevAGyXkA

Brezhoneg en SNCF! :spors:

Posted: Sat Apr 05, 2008 11:55 pm
by Seonaidh
Trèanaichean de bheagan vitesse...'s e an fhirinn a th'ann ann am Fìobha! Tha 200 km eadar an Caisteal Nuadh is Dùn Èideann agus tha na trèanaichean ga dhèanamh ann an uair is 20 mionaid. Tha 100 km eadar Dùn Èideann is Dùn Deagh agus tha iad ga dèanamh....ann an uair is 20 mionaid (uill, 1:10 an fheadhainn really luath). Ach cha bhi na TGV a' dol troimh tunalan toinnte, thar drochaidean àrsaidh no mun cuairt camadhan geura. 'S feumail rathadan iarainn ùra.

Posted: Sun Apr 06, 2008 11:25 am
by Gràisg
Tha mi ag aontachadh leat gu mòr Sheonaidh, tha cruaidh fheum air rathaidean iarainn ùra. Bu chòir dhaibh a thòiseachadh le loidhne dùbailte eadar Inbhir Nis agus Obar Dheathain nam bheachdsa. Tha na rathaidean air fàs ro thrang sna làithean seo agus b’ fheàirrde dhuinn nan robh na h-ùghdarrasan a’ toirt fada a bharrachd airgid do na busaichean agus trèanaichean.

Posted: Sun Apr 06, 2008 11:34 am
by GunChleoc
Tha sinn millte an-seo ann an Hamburg, bidh tòrr treanaichean is busaichean a' dol. Tha na daoine a' gearain co-dhiù. Saoilidh mi gur toil leotha a bhith a' gearain. Seadh, bi na treanaichean anmoch bho àm gu àm, ach ma bhios mi a' dol le car bidh rathaidean trang ann amsaa agus an aon rud a' tachairt.

Posted: Tue Apr 08, 2008 9:29 pm
by Seonaidh
Loidhne dùbailte eadar Inbhir Nis is Obar Dheathain? Dè mu dheidhinn loidhne dùbailte eadar Obar Dheathain is Dùn Deagh? (uill, eadar Usan is Montrose) Eadar Inbhir Nis is Peairt? Eadar Ladybank is Peairt?

Chunnaic mi clàr-ama nan trèanaichean eadar Inbhir Nis is Obar Dheathain: tha e uabhasach. Agus chan eil mòran a ghabhas dèanamh uime mun dhèanamh barrachd de loidhne dùbailte.