Page 1 of 1
Skype
Posted: Wed Aug 25, 2010 10:11 pm
by dughlas
A' bheil ùidh' aig neach sam bith air Skype a chleachdadh sna laithean seo? Ma tha, cuiribh Skype thugam uireigin. Is mise 'dougfraser' air Skype.
Re: Skype
Posted: Wed Aug 25, 2010 11:09 pm
by faoileag
Halò a Dhùghlais,
A bheil e ceart gu leòr ma bheir mi seo do dhaoine eile, nach eil nam buill air an fhòram seo? Agus a bheil thu airson bruidhinn ri luchd-ionnsachaidh de gach ìre no ri daoine nas fhileanta a-mhàin?
Re: Skype
Posted: Fri Aug 27, 2010 2:21 pm
by dughlas
hai Fhaoileag,
Mòran taing airson tighinn air ais thugam. Bidh mi deònach a bhith bruidhinn ri daoine aig ìre sam bith.
Deagh dhurachdan!
Re: Skype
Posted: Sat Aug 28, 2010 1:06 am
by Seonaid3
Hai a Dhuglais, tha uidh agam air comhradh anns a' Ghaidhlig air Skype -- 's mise Seonaid, anns a California. Rinn mi cursa "fileanta" le Atlantic Gaelic Academy (Ceap Bhreton) an uiridh, agus bithidh mi anns a' chlas am bliadhna cuidseach, ach chan eil iomadh cothrom airson bruidhinn gun clas. A bheil thu deonach? Tha naoi uairean eadar California agus Alba. Chan eil obair agam -- cuin' a bhios thu saor?
Mise le meas, Seonaid
Re: Skype
Posted: Sat Aug 28, 2010 8:35 am
by dughlas
A Sheonaid
Cuir fòn thugam uaireigin nuair a chì thu gu bheil mi air Skype - bhiodh sin, mar as àbhaist, san fheasgar an seo (sa mhadainn dhutsa). Chì thu mi air Skype mar 'dougfraser' agus tha mi a' coimhead air adhart chluinntinn bhuat.
Dughlas