Page 1 of 1
Gàidhlig - dè an diofar ma bhàsaicheas i?
Posted: Thu Aug 26, 2010 1:56 pm
by *Alasdair*
Chunna mi gu bheil desbad eile a' dol air DigitalSpy an-diugh, agus 's ann mu dheidhinn a' Ghàidhlig a tha e. Cuideachd, cha do thòisich mise e
http://www.digitalspy.co.uk/forums/show ... ?t=1337833
Mar is àbhaist, tha na amadain a' tighinn a-staigh le na beachdan a th' aca, ach thug i orm smaoineachadh air a' cheist. Dè an diofar a bhiodh ann - leis an fhìrinn innse?
Bhiodh e gu math brònach na bhàsaicheas i, agus bhiodh tòrr rudan air chiall, ach mar a tha daoine ag ràdh, tha daoine fhathast beò, cànain, mar Ghàidhlig, ann no às
Dè ur beachdan ma-tha?
NB: Chan eil mi idir a' cantainn gu bheil mi 'son Gàidhlig a chall!
Re: Gàidhlig - dè an diofar ma bhàsaicheas i?
Posted: Thu Aug 26, 2010 5:33 pm
by Gràisg
Tha APC den bheachd gu bheil Gàidhlig marbh mu thràth.
Gabh mo leisgeil a Alasdair, thug mi sùil air a' bhordh bhrath ud agus aon uair 's gun do leugh mi 'I've lived in Scotland over 42 years and have never heard it spoken' thog mi mo chasan as.
Re: Gàidhlig - dè an diofar ma bhàsaicheas i?
Posted: Thu Aug 26, 2010 7:38 pm
by GunChleoc
*Alasdair* wrote:Bhiodh e gu math brònach na bhàsaicheas i, agus bhiodh tòrr rudan air chiall, ach mar a tha daoine ag ràdh, tha daoine fhathast beò, cànain, mar Ghàidhlig, ann no às
Dè ur beachdan ma-tha?
Tha seann-fhacal anns a' Ghearmailt: Chan eil daoine beò air aran a-mhàin.
Seadh, bhitheamaid beò, ach am bitheamaid ann an dòigh mhath?
Re: Gàidhlig - dè an diofar ma bhàsaicheas i?
Posted: Thu Aug 26, 2010 9:55 pm
by *Alasdair*
Gràisg wrote:Tha APC den bheachd gu bheil Gàidhlig marbh mu thràth.
Gabh mo leisgeil a Alasdair, thug mi sùil air a' bhordh bhrath ud agus aon uair 's gun do leugh mi 'I've lived in Scotland over 42 years and have never heard it spoken' thog mi mo chasan as.
'S dòcha gur e over exageration a th' ann, ach mur an robh mi air a dhol dhan t-Sabhail cha bhithinnsa air "Ghàidhlig bheò" a chluinntinn idir, seach air an TbH...
A thaobh APC, uill... na leig leam thoiseachadh air
GunChleoc wrote:*Alasdair* wrote:Bhiodh e gu math brònach na bhàsaicheas i, agus bhiodh tòrr rudan air chiall, ach mar a tha daoine ag ràdh, tha daoine fhathast beò, cànain, mar Ghàidhlig, ann no às
Dè ur beachdan ma-tha?
Tha seann-fhacal anns a' Ghearmailt: Chan eil daoine beò air aran a-mhàin.
Seadh, bhitheamaid beò, ach am bitheamaid ann an dòigh mhath?
Cha bhitheamaid beò anns an aon dhòigh, ach feumaidh sinn a bhith faiceallach mun a' Ghàidhlig. Chan eil mi eòlach air abairt sònraichte Ghàidhlig, ach mar a chanas ud sa Bheurla, "Chan eil airgead a' fàs air craobhan." agus fàsaidh daoine sgìth leatha.
Bhon a bhith aig an t-Sabhail, dh'fhàs mi sgìth le bhith a' cluinntinn sgeulachdan mu a deidhinn... Tha tòrr trioblaidean ann an-dràst, is chan eil cinnt aig daoine dè tha tachairt

Re: Gàidhlig - dè an diofar ma bhàsaicheas i?
Posted: Fri Aug 27, 2010 9:05 pm
by Thrissel
GunChleoc wrote:Tha seann-fhacal anns a' Ghearmailt: Chan eil daoine beò air aran a-mhàin.
Faic Deuteronomy 8:3
http://www.biblegateway.com/passage/?se ... ersion=KJV
no Matthew 4:4
http://www.biblegateway.com/passage/?se ... ersion=KJV
Mu dheidhinn bàs na Gàidhlige... nuair a tha cànan sam bith beò, tha e ag atharrachadh, a' leasachadh fad na h-ùine. Mar sin, mura tèid e a mharbhadh (mar Laideann), thèid e a dh'atharrachadh cho mòr gum bi e mar chànan eile/ùr (mar Beurla Aosda is Beurla an-diugh). Chan e ach gnothach de ùine.
Re: Gàidhlig - dè an diofar ma bhàsaicheas i?
Posted: Tue Sep 07, 2010 8:43 pm
by GunChleoc
Tapadh leat, bha mi a' smaointinn gur dòcha gur às a' Bhìoball a bha e
