Ràdh 28 - Cho luath ri brìdean...
Posted: Mon Sep 20, 2010 2:07 am
A' fuireach san Eilean Sgitheanach, chan eil latha a chuireas mi seachad nach fhaic mi eun-mara sònraichte air a' chladach no air an traigh ann an Slèite. 'S e sin am brìdean....ach chan e brìdean a chanas a h-uile duine ris agus chan eil mi cinnteach gur e brìdean a chanas na Sgitheanaich ris a bharrachd. Cha chreid mi nach e "brìdean" a chanas na hearaich ris an eun seo ge-tà.
THa na h-ainmean "An Gille-brìghde" agus "An trìlleachan" gu math cumanta cuideachd, a rèir na sgìre sa bheil thu.
Co-dhiù, tha gu leòr shamhlaidhean ann a thaobh cho luath 's a tha neach, no ainmhidh, agus 's e seo fear eile.
Cho luath ri brìdean air an tràigh.
Ma choimheadas tu air gille-brìghde air an tràigh, chì thu cho clis, sgiobalta 's a tha e a' sgiabadh an siud 's an seo.