Page 1 of 1

Soidhne ùr aig criochan Siorrachd Narann

Posted: Fri Sep 24, 2010 8:27 am
by Gràisg
http://www.flickr.com/photos/gurnnurn/5019340331/
Image

Gu dearbh fhèin 's e adhartas a tha seo leis an gainnead airgid a th'ann an dràsta

Re: Soidhne ùr aig criochan Siorrachd Narann

Posted: Fri Sep 24, 2010 6:53 pm
by GunChleoc
Brèagha!

Agus seo mar a sheallas tu an dealbh an-seo:
http://www.flickr.com/help/photos/#2265887

Re: Soidhne ùr aig criochan Siorrachd Narann

Posted: Fri Sep 24, 2010 9:35 pm
by Seonaidh
Chunnaic me soidhne ùr an Dùn Èideann - "Margadh an Fheòir" - eadar Waverley is Pàirc Dhùin Èideann

Re: Soidhne ùr aig criochan Siorrachd Narann

Posted: Fri Sep 24, 2010 10:33 pm
by Gràisg
Image
siorrachd by gurnnurn.com pictures, on Flickr

Dh'obraich sin gu math a charaidh, tl GC :-)

Re: Soidhne ùr aig criochan Siorrachd Narann

Posted: Sat Sep 25, 2010 12:51 pm
by GunChleoc
'S e do bheatha :D

Re: Soidhne ùr aig criochan Siorrachd Narann

Posted: Sat Sep 25, 2010 1:03 pm
by Thrissel
Chuir e iongnadh tlachmhor orm nuair a chunnaic mi soidhnichean-sràide dà-chànannach ann am Blàr Ghobharaidh:
http://www.flickr.com/photos/thrissel/5 ... /lightbox/#/

Re: Soidhne ùr aig criochan Siorrachd Narann

Posted: Sun Sep 26, 2010 2:32 pm
by *Alasdair*
Thrissel wrote:Chuir e iongnadh tlachmhor orm nuair a chunnaic mi soidhnichean-sràide dà-chànannach ann am Blàr Ghobharaidh:
http://www.flickr.com/photos/thrissel/5 ... /lightbox/#/
Eil mòran dhuibh ann? No dìreach aon na dhà?

Re: Soidhne ùr aig criochan Siorrachd Narann

Posted: Sun Sep 26, 2010 3:05 pm
by Thrissel
Tha cinnt orm air a sia: Sràid Pheairt, Sràid Leslidh, Sràid Bhrùin*, Sràid Seasaidh, Sràid an Ath-leasachaidh is Caolshràid na Croit. Chanainn gu bheil feadhainn eile ann, ged 's gu bheil a' chuid as motha aon-chànanach - ach bhiodh e fada na b' fheàrr na 99%-1%.

* which btw fascinated me by a Gaelic transcription of a Scots pronunciation under an English-English transcription of "Brown" ;-)

Re: Soidhne ùr aig criochan Siorrachd Narann

Posted: Sun Sep 26, 2010 8:51 pm
by Seonaidh
Image
Paidhir à Peairt
Image

Re: Soidhne ùr aig criochan Siorrachd Narann

Posted: Mon Nov 01, 2010 10:32 pm
by Gràisg
Seo an soidhne ud a-rithist ach 's e latha math a bh'ann an turas seo. Tha na crìochan Siorrachd Inbhir Narann a' ruith tarsainn mullach Carn nan Clach Garbha gus an rathadh ruigsinn agus an uair sin sìos an slighe chun Loch an Doirbh far am faigh sibh seann chaisteil Alasdair Mòr Mac an Righ pìos a-mach bhon oithir.
Gu dearbh fhèin 's ann an àite iomchaidh a chur iad an soidhne seo. San sàmhchair shuas an sin tha fhathast làimh an uchdhar aig a' Ghàidhlig nam bheachdsa.

Image
IMG_9206 by gurnnurn.com pictures, on Flickr