Blogaichen Gàidhlig - A bheil feum againn air aggregator ùr
Posted: Mon Oct 04, 2010 7:41 pm
A Chàirdean,
Mhothaich mi gu bi bloglines.com a’ bhith dùnadh air a’ chiad latha den ath-mhìos. Saoilidh mi gum bi feadhainn dhiubh eòlach air an aggregator a tha sin. S’ann air an làrach ud a chruthaich mi ‘An Liosta’
http://www.bloglines.com/public/Liosta/
Chuir Akerbeltz coir ceangal air firefox Gàidhlig don àite ud mar shealladh air a’ choimhearsnachd a th’againn. Mar a thuirt an gaisgeach againn:
Seadh, carson nach biodh blogaichean Gàidhlig ann? Guthan Gàidhlig o cheithir ceàrnan an t-saoghail agus chan eil a dhìth ach do chom-pàirteachas fhèin.
Ag innse na firinn chan ann gu tric a tha daoine a sgriobhadh air na blogaichean sna laithean seo an taca ri ciamar a bha e san t-seann aimsir ach tha blogaichean ùra fhathast a’ nochdadh. ‘S e deagh choltas a tha ri fhaighinn air bloglines dìreach mar a tha e ann an Google Reader ach gu ruige seo saoilidh mi nach eil dòigh ann gus an Google Readar agad a dhèanamh fosgailte dhan t-saoghal.
Tha fhathast TirnamBlog.com ri fhaicinn ach tha trioblaid mòr, mòr leis a’ bhathar bog agus chan fhaigh dad an àirde air an làrach ud a-nis ach am biadh RSS a tha tighinn às Abair Thusa. ‘S bodchd sin gu dearbh, chaidh TnamB a chur air dòigh gus a bhith sealltainn sgrìobhaidh sam bith a bha a’ nochdadh air na blogaichean sa chiad dol a-mach ach cuideachd stuth eile a bha freagarrach. Seadh tha cùisean air gluasad air adhart agus the mòran a’ sgrìobhadh an cuid Gàidhlig air Facebook no fiù’s twitter ach a bheil fhathast feum oirnn air a leithid aggregator An Liosta no Tìr nam Blog?
Am b’fhiach e aggregator eile a chur air dòigh? A bheil an t-eolas aig daoine sam bith ann a sheo? Bhithinnsa deònach bideag beag airgid a chur dhan ghnothaich. Dè ur bheachdan a chàirdean? Seo duilleag far am faigh sibh fiosraichead mu dheidhinn a leithid.
http://3dwebdesign.org/rss-feed-aggrega ... rison.html
Bloglines closing down, Tìr nam Blog with a major software problem. Do we need a new aggregator to show the world all the new posts that appear on the Gaelic blogs around the world?
What do you think? Can you help? Have you skills in this direction?
Sorry no full tr*nsl*t**n, try the links above to get the idea a bit more.