Page 1 of 1

Facebook sa Ghàidhlig, am bi cothrom ann?

Posted: Mon Jan 21, 2008 6:48 pm
by Gràisg
Image

Seo na chunnaic mi an-diugh, bu chòir dhuinn sùil a' cumail air an duilleig a tha seo.
http://www.facebook.com/translations/

Posted: Mon Jan 21, 2008 9:35 pm
by Níall Beag
'S e gnìomhachas a th' ann am Facebook. Mura bhitheas airgead ann, cha bhi deagh eadar-theangachadairean ann.

A bheil thu ag iarraidh gum bi daoine eile a' deanamh buannachd air d' obair?

Posted: Mon Jan 21, 2008 10:18 pm
by Gràisg
’S e gnìomhachas a th’ann an ‘Ning’ nach eil, dè an diofar eadar iadsan agus Facebook? Fhuair iadsan beagan Gàidhlig saor an asgaidh air ‘abair thusa’, nach d’fhuair?

Posted: Mon Jan 21, 2008 10:20 pm
by GunChleoc
B' fhèarr leamsa eadar-theangachadh fhaighinn airson a' bhathair-bhoig a tha sin a' cleachdadh an-seo.

Nuair a bhios ùine agam- tòisichidh mi leis na pùtanan :D

Posted: Wed Jan 23, 2008 10:35 pm
by Níall Beag
Gràisg wrote:’S e gnìomhachas a th’ann an ‘Ning’ nach eil, dè an diofar eadar iadsan agus Facebook? Fhuair iadsan beagan Gàidhlig saor an asgaidh air ‘abair thusa’, nach d’fhuair?
Ach tha mi a' creidsinn gur ann airson Abair Thusa a bha an eadar-theangachadh, chan ann airson Ning.

Posted: Wed Jan 23, 2008 10:50 pm
by Gràisg
Seadh tha sin ceart ach am biodh Ning a' togail airgid co-dhiù airson sanasachd?
Co-dhiù, 's math a rinn Bòrd na Gàidhlig le Microsoft:
http://www.bord-na-gaidhlig.org.uk/Defa ... ang-EN.htm

tha agad a dhol far a bheil a h-uile càil a' tachairt.

Posted: Thu Jan 24, 2008 6:47 am
by Tearlach61
Dhomh-sa, tha rudan ann as miosa na bith a'deanamh airgead do chuideigin eile. Airson adhbhar neo correigin, chan urrainn dhomh faighinn a-steach dhan làrach-linn a tha seo, ach ma 's e rudeigin feumail a th'ann dè an diofar ma tha cuideigin a'deanamh prothaid às?

Posted: Thu Jan 24, 2008 9:34 am
by GunChleoc
Gràisg wrote:tha agad a dhol far a bheil a h-uile càil a' tachairt.
Tha thu ceart!

Cha tèid mise gu Facebook, ach is urrainn dhuinn proiseict eile a thòiseachadh an-seo mar a rinn mi le phpBB, ma bhios sibh ag iarraidh.

Posted: Thu Jan 24, 2008 8:40 pm
by Gràisg
Tha e math a bhith a' dhèanamh abairtean msaa mean air mhean :)

Posted: Thu Jan 24, 2008 9:25 pm
by GunChleoc
An cuir mi fòram ùr ann agus an cuir thusa na abairtean ri eadar-theangachadh ann?

Posted: Thu Jan 24, 2008 10:42 pm
by Gràisg
Chan eil am buidheann facebook ud fosgailte dhan mhòr shluaigh fhathast GC. Bhithinnsa deònach sin a dhèanamh ma nochdas cothrom. Leigidh mi fios dhut ma thachras dad agus dè a tha iad ag iarraidh bhon uair sin. Ma gheibh mise a-steach lol

Posted: Fri Jan 25, 2008 11:14 am
by GunChleoc
OK ma-thà, nì sinn e mar sin :D