Page 1 of 1

Dwelly drabasta

Posted: Sun Oct 10, 2010 11:33 pm
by An Gobaire
Tha cuid de dhaoine a' cumail a-mach, gum bu leisg le Dwelly a bhith a' foillseachadh fhaclan co-cheangailte ri feise.

Ach, fhuair mi lorg air aon cheann-fhacal, agus mìneachadh a thugadh air le Dwelly nach robh idir tighinn a rèir a' bheachd sin.

"gairm ghallan, — bitches giving tongue. "

Obh, obh nach robh esan seòlta a' slìobadh sin a-steach don fhaclair aige gun fhios aig luchd-caisg riaghaltas an àma!

Re: Dwelly drabasta

Posted: Mon Oct 11, 2010 12:09 am
by GunChleoc
A bheil thu cinnteach nach eil e a' ciallachadh coin boireanta a' slìogadh làmh a maighstir? :P :P :P

Re: Dwelly drabasta

Posted: Mon Oct 11, 2010 9:17 am
by Níall Beag
Uell tha esan air a bhith beagan mi-modhail.
"gairm ghallan, the noise of hounds in the chase — bitches giving tongue"
A-reir coltais, 's e "hunter's jargon" a th' ann an "giving tongue".

Re: Dwelly drabasta

Posted: Tue Oct 12, 2010 12:39 am
by An Gobaire
Ò seadh, sin a bh' ann! :priob:

Re: Dwelly drabasta

Posted: Tue Oct 19, 2010 7:56 am
by Neas Olc
Lolwut

(Chan eil càil sam bith 'am ri radh mach o sin)