Ballrachd bhòrd-stùiridh Chomunn na Gàidhlig
Posted: Mon Oct 18, 2010 11:43 am
A Chàirdean,
Tha Comunn na Gàidhlig a' sireadh dà bhall bhòrd-stiùiridh. Tuilleadh bhon ceangal a leanas;
http://www.cnag.org.uk/fiosrachadh/sana ... lrachd.php
Tha Comunn na Gàidhlig a' sireadh dà bhall bhòrd-stiùiridh. Tuilleadh bhon ceangal a leanas;
http://www.cnag.org.uk/fiosrachadh/sana ... lrachd.php
Tha Comunn na Gàidhlig a’ sireadh dà bhall airson a’ Bhòrd Stiùiridh bho Foghar 2010. Tha sinn a’ sireadh iarrtasan bho neach sam bith aig a bheil ùidh pàirt a ghabhail ann an obair Chomunn na Gàidhlig mar bhall den Bhòrd Stiùiridh. Tha sinn gu sònraichte a’ sireadh feadhainn a tha eòlach air obair gnìomhachas agus/neo obair òigridh. Tha e an urra ris a’ Bhòrd poileasaidhean, ionmhas agus luchd obrach ChnaG a stiùireadh agus thathar an dùil gum bidh mu 6 coinneamhan gan cumail sa bhliadhna.
Cha bhith tuarastal an lùib na h-obrach seo, ged a bhitheas cosgaisean siubhail agus àite-fuirich air am pàigheadh airson a bhith a’ frithealadh nan coinneamhan. Ged is ann an Inbhir Nis a bhios a’ mhòr chuid de choinneamhan, tha e comasach do bhuill pàirt a ghabhail ann an coinneamhan le bhith a’ cleachdadh fòn/bhideo.
Ma tha ùidh agaibh anns an obair seo, gheibh sibh tuilleadh fiosrachadh bho;
Dòmhnall MacNèill,
Ceannard,
Comunn na Gàidhlig,
5 Caolshràid Mhìcheil,
Inbhir Nis,
IV2 3HQ.
Àireamh Fòn: 01463 234138;
Post-d: domhnallmacneill@cnag.org.uk
Ceann-latha mu dheireadh airson iarrtasan: 12 Samhain 2010.