Mulan
Posted: Fri Oct 22, 2010 9:44 am
Halò,
Tha facal ann nach eil cho cumanta - "mulan" - air a mhìneachadh mar "a small stack, no haystack" ann an Dwelly agus air faclair.com
Ach, fhuair mi fiosrachadh bho Ghàidheal à Camas Cros, Slèite a dh'innis dhomh nach robh esan ga chleachdadh ach airson ultach feòir a bhiodh e no a sheanair a' toirt à cruach no coc gus toirt do na beathaichean mar bhiadh.
Cuideachd, b' e am fuaimneachadh a bh' aige air ach "muileann" mar gun robh an "l" caol, seach "mulan". Tha e inntinneach cuideachd gu bheil muinntir Chamus Cros a' fuaimneachadh "muileann (mill)" mar "mulan" agus "mulan (bundle of hay feed)" mar "mhuileann"!