Page 1 of 1

Ràdh 29 - Chan fhìrinn.....

Posted: Thu Nov 04, 2010 10:54 pm
by An Gobaire
Chan fhìrinn fìrinn na feirge.


Cò tha ag aontachadh ris an t-seanfhacal seo?

Re: Ràdh 29 - Chan fhìrinn.....

Posted: Sun Nov 07, 2010 10:59 pm
by faoileag
Chan eil mise co-dhiù gu tur cinnteach gu bheil sinn ceart. Uaireannan bidh thu ag innse na firinn dìreach nuair a bhios thu feargach, no làn faireachdainn. Rud beag coltach re 'in vino veritas', sin a' cheart-agaidh den sheanfhacal an seo.

Re: Ràdh 29 - Chan fhìrinn.....

Posted: Sun Nov 07, 2010 11:06 pm
by An Gobaire
Seadh. Ach, dh'fhaodar rudeigin a spùtadh a-mach le feirg, a' toirt beum do chuideigin - ged nach biodh e fìor. Air neo, tha thu fhèin a' smaoineachadh gu bheil e fìor, ach 's e sin a chionn 's gu bheil an fhearg ort.

Re: Ràdh 29 - Chan fhìrinn.....

Posted: Sun Feb 06, 2011 2:30 pm
by GunChleoc
Seadh, feumaidh tu a bhith faiceallach nach do thuig thu rudeigin gu ceàrr.

Ach uaireannan tha beagan feirg cuideachail ma bhios tu airson rudeigin a' dheànamh mu rudan a tha gu tur ceàrr air sgàth 's gum faigh thu neart às.

A thaobh in vino veritas, cha deàn cridhe mhisgeach breug.