Page 1 of 1

Ainmean àite

Posted: Fri Nov 05, 2010 12:18 pm
by An Gobaire
Carson a tha cuid a' caolachadh ainmean àite ach chan eil cuid eile?

Mar eisimpleir.

Sgoil Dhalabrog

Sgoil Dhalabroig

Gheibh sinn Àrd-sgoil Steòrnabhaigh, agus Bunsgoil Tholastaidh...ach ann am faclair eile (Akerbeltz) 's e Bunsgoil Tholastadh, Sgoil Ulapul a tha ann.

Re: Ainmean àite

Posted: Fri Nov 05, 2010 9:58 pm
by Seonaidh
Sin dòigh an t-saoghail. Gu ceart, 's e an tùiseal ginideach a th' ann an seo leis na h-ainmean-àite. Ach, uill, tha beagan leasachaidh ann mu na riaghailtean agus cha chùm a h-uile duine leis an t-seann riaghailt. Sgoil Bhirminghaim? Oilthigh a' Chaisteil Nuaidh? Bunsgoil Mhoretonhampsteid?

Re: Ainmean àite

Posted: Sat Nov 06, 2010 2:49 pm
by GunChleoc
An riaghailt a dh'ionnsaich mise 's e gur e Sgoil Dhalabroig a th' ann.

Co-dhiù, canar Sgoil Dhùn Èideann is chan ann Sgoil Dhùin Èidinn.

Is urrainn do dh'ainmean-àite a bhith caran idiosyncratic chanainn-sa :?

Re: Ainmean àite

Posted: Sun Nov 07, 2010 11:24 am
by akerbeltz
Tha cuid a dh'iar-leasachain Lochlannach ann an ainmean-àite a tha *cha mhòr* 'nan ainmearan coitcheann. Mar eisimpleir tha bàgh ann mar fhacal neo-eisimeileach:
Bàgh a' Chaisteil, Bàgh an Òbain, Bàgh Bhatarsaigh...

Mar sin dheth, ma nochdas sin mar fhreumh aig deireadh facail, leanaidh sin ris a' phàtran àbhaisteach (am bàgh > a' bhàigh; -bagh > -baigh) mar gum b' e compound noun a bhiodh ann:
#######bhagh > ######bhaigh

Tha badan beag de dh'iar-leasachain ann a nì seo ('s mathaid gu bheil feadhainn eile ann, seo an fheadhainn a bhuail orm an-dràsta fhèin):
-b(h)agh > b(h)aigh
-b(h)rog > b(h)roig
-b/p(h)ul > b/p(h)uil
-d(h)al > d(h)ail
-b(h)ost > b(h)oist

Feumaidh gun robh fios aig daoine aig àm dè chiall a bh' ann dhaibh agus gun do mhair seo beò le cuid a mhìrean a tha anabarrach cumanta air a' Ghàidhealtachd ged nach bi fios aig mòran tuilleadh dè th' ann am "brog"
Bunsgoil Tholastadh, Sgoil Ulapul
Oops, taing... cuiridh mi ceart sin...

Re: Ainmean àite

Posted: Sun Nov 07, 2010 10:17 pm
by An Gobaire
Tapadh leat, Akerbeltz. THa sin fiosrachail agus inntinneach.
Tha fios agam gur e Dhalabroig a chanas daoine, oir dh'fhaighnich mi de Ghàidheil mar a dh'fhuaimnicheas iad e, agus b'ann le caolachadh a labhair iad e.