Page 1 of 1

Ràdh 31 - miastadh

Posted: Sun Nov 07, 2010 10:31 pm
by An Gobaire
Dè am miastadh a tha thusa ris?

Brìgh thùsail "Miastadh" - am milleadh a nì eich agus crodh ma leumas iad, no a bhristeas iad tro, an gàradh agus a gheibh iad iad fhèin ma sgaoil ann am fochann.

Chan e ràdh da-rìribh a tha mi a' toirt dhuibh an turas seo, ach eisimpleir de chleachdadh facail shònraichte.Chì sibh gu h-àrd an tùs bhrìgh a th' air an fhacal seo co-cheangailte ri sprèidh a' faighinn ma sgaoil agus ag ithe pòr no feur nach bu chòir dhaibh, no gan saltradh agus gam milleadh mar sin.

Anns an eisimpleir gu h-àrd seo ge-tà, thathar a' bruidhinn ri balachan no caileag òg. Clann a tha ri aimhleas ! 'S e miastadh a chanadh cuid riutha mar iomradh air an droch ghiùlan...dol às mì-mhodhail mar gum b' eadh, ach nach eil cho dona sin oir 's e clann a th' annta!