Page 1 of 1

iPlayer a' dol "eadar-nàiseanta"?

Posted: Tue Nov 09, 2010 2:46 pm
by *Alasdair*
Deagh naidheachd dhuibh ma-tha thu a' fuireach thall-thairis! Tha iPlayer a' tighinn an ath-bhliadhna a rèir coltas.
iPlayer a' dol "eadar-nàiseanta"
The move will mean that advertising could be introduced on to the iPlayer unless BBC Worldwide decides to charge viewers to use the service.
ACH
It is estimated that global audiences would pay up to $10 for an episode of its most popular shows.
Dè an cosg a bhiodh air prògramman BBC Alba ma-tha? 50p? :priob:

Re: iPlayer a' dol "eadar-nàiseanta"?

Posted: Tue Nov 09, 2010 2:50 pm
by akerbeltz
$10 = 50sgillinn, nach e?

:priob:

Re: iPlayer a' dol "eadar-nàiseanta"?

Posted: Tue Nov 09, 2010 4:40 pm
by Níall Beag
The only things you're likely to see there are things with a BBC brand at the end, and as I recall none of the new content on BBC Alba has this except An Là and Eòrpa.

Re: iPlayer a' dol "eadar-nàiseanta"?

Posted: Tue Nov 09, 2010 8:00 pm
by Seonaidh
...no eadar dà chnap-starra... B' fheudar do BhBC Alba ri fhaotainn air Freeview.

Re: iPlayer a' dol "eadar-nàiseanta"?

Posted: Tue Nov 09, 2010 9:51 pm
by GunChleoc
Deagh bheachd aig a' Bheeb :D, ach $10 gach ep? Image

Agus gu h-àraid ma nì iad an aon rud a nì iad aid an iPlayer àbhaisteach, an stuth a thoirt air falbh dhut an dèidh seachdain no dhà. Nam b' urrainn dhomh Freeview fhaighinn, b' urrainn dhomh an aon rud a chlàradh agus a thasglann cho fad 's a thograinn.

Re: iPlayer a' dol "eadar-nàiseanta"?

Posted: Tue Nov 09, 2010 10:06 pm
by *Alasdair*
GunChleoc wrote:Deagh bheachd aig a' Bheeb :D, ach $10 gach ep? Image

Agus gu h-àraid ma nì iad an aon rud a nì iad aid an iPlayer àbhaisteach, an stuth a thoirt air falbh dhut an dèidh seachdain no dhà. Nam b' urrainn dhomh Freeview fhaighinn, b' urrainn dhomh an aon rud a chlàradh agus a thasglann cho fad 's a thograinn.
Ach, a rèir Riaghailtean Craolaidh Bhreatainneach 's e rud mì-laghail a tha siud. Faodaidh tu a' phrògram a chumail fad 30 latha ach as dèidh sin 's e eucoir a th' ann! :priob:

Re: iPlayer a' dol "eadar-nàiseanta"?

Posted: Wed Nov 10, 2010 7:52 pm
by GunChleoc
Nach fhaod thu clàr a dhèanamh air VHS air do shon fhèin? :mc:

Re: iPlayer a' dol "eadar-nàiseanta"?

Posted: Thu Nov 11, 2010 1:45 pm
by *Alasdair*
GunChleoc wrote:Nach fhaod thu clàr a dhèanamh air VHS air do shon fhèin? :mc:
Ò, faodaidh - cho fad 's nach eil thu gan cumail nas fhadie na 30 latha :roll:

Cha bhi am poileas a' tighinn dhan taigh agad gus do thoirt air falbh, ach 's e sin an lagh... Neònach nach eil?

Re: iPlayer a' dol "eadar-nàiseanta"?

Posted: Thu Nov 11, 2010 9:26 pm
by GunChleoc
Gu math neònach dha-rìribh

Re: iPlayer a' dol "eadar-nàiseanta"?

Posted: Fri Nov 12, 2010 1:54 am
by AlasdairBochd
Cha bhi am poileas a' tighinn dhan taigh agad gus do thoirt air falbh, ach 's e sin an lagh... Neònach nach eil?
Cho math 's nach bi na daoine le còtaichean geala orra, bidh mi sàmhach. :curam:

Re: iPlayer a' dol "eadar-nàiseanta"?

Posted: Sat Nov 13, 2010 10:56 am
by faoileag
Ma bis thu airson coimhead gu tric, bhiodh e nas saoire http://vpnuk.net/ fhaighinn.

Re: iPlayer a' dol "eadar-nàiseanta"?

Posted: Tue Dec 14, 2010 1:57 am
by Tearlach61
Seo bhideo dhìom fhìn 's de mo nighean bheag a'cur crathadh air bunaitean na rìoghochd, buille as ùire airson saorsa le bhith coimhead air Pàdraig Post gun a bhith san Rìoghochd Aonaichte!


http://vimeo.com/17775151