Page 1 of 1
Pasta
Posted: Fri Nov 26, 2010 10:37 pm
by Thrissel
Dh'fheuch mi ann am Mark, Watson, Wentworth, san Fhaclair Bheag, Stòr-dàta Bhriathrachais SMO... Cha do chuir iongnadh orm nach do lorg mi Gàidhlig air 'spaghetti', fiù agus nach do lorg mi Gàidhlig air 'pasta', ach cha do lorg mi 'noodle' a bharrachd. An ann cho coimheach dhan Ghàidhealtachd a tha am pasta san fharsaingeachd gu dearbh?
Re: Pasta
Posted: Sat Nov 27, 2010 12:36 pm
by akerbeltz
Duilich, bha "nùdail" san Fhaclair Bheag ach bha rudeigin cearr leis na search terms sa chlàr sin, chuir mi ceart e, ceud taing!
A thaobh spaghetti, pasta agus tagliatelli - tha seo dol leis na thuirt mi san t-snàith eile a thaobh ainmean-àite. Cha bu chòir dhan Ghàidhlig a bhith nas naoime na cànain eile. Tha Gearmailtis, Spàinntis is Beurla a' cleachdadh nan ainmean dùthchasach airson mòran bìdh, carson a bhiodh aig a' Ghàidhlig ainm fa leth a lorg airson gach rud? Agus càit an stadadh tu? Gàidhlig air Cheung Fan, Frijoles agus Schupfnudeln?
Mar sin dheth, cha chleachd mise ach tagliatelli, pasta, pizza is Cheung Fan nuair a sgrìobhas no bhruidhneas mi G.
Tha "nùdail" car eadar-dhealaichte, sin rud gu math bunaiteach mar "flùr, rìs, uisge..." agus bu chòir do dh'ainm a bhith ann. Agus tha.
Re: Pasta
Posted: Sat Nov 27, 2010 4:23 pm
by Thrissel
Mòran taing!
Seadh, cha robh dùil agam gum biodh facal sònraichte air 'tagliatelli' sa Ghàidhlig agus cha chreid mi gum bu chòir a bhith, ach bha mi a' saoilsinn gum biodh e neònach mura biodh gnè no iolra eadar-dhealaichte bho 'noodles' ann. Leithid de m.e. 'ceapaire' is 'cheeseburger'.
Re: Pasta
Posted: Sat Nov 27, 2010 6:48 pm
by Seonaidh
akerbeltz wrote:Tha Gearmailtis, Spàinntis is Beurla a' cleachdadh nan ainmean dùthchasach airson mòran bìdh, carson a bhiodh aig a' Ghàidhlig ainm fa leth a lorg airson gach rud?
Deagh bheachd - ach...dè a' Bheurla air "uisge beatha", "ceann cropaidh" - no, às a' Chuimris, "bara brith", "bara lawr" - amsaa? Nam biodh a' Bheurla deònach air facail mar sin a thort bho chànanan eile san RA, cha chreid mi gum biodh hyper-Ghàidheil amsaa a' feuchainn ri facail bhunaiteach a lorg air a h-uile rud.
Re: Pasta
Posted: Sun Nov 28, 2010 2:12 am
by akerbeltz
Thog iad
uisge-beatha mar "whiskey" agus
bara lawr mar "laver bread". Cha chreid mi gun do dhith Sasannaich gu leòr cinn-chropaig a-riamh a dh'adhbharaicheadh feum dhaibh airson facal... ithidh mise cha mhòr gach rud ach chan ith mi sin

Re: Pasta
Posted: Sun Nov 28, 2010 7:37 am
by AlasdairBochd
Chan eil cinn-chropaig cho math ri chinn-ghiomaich bhige.

Seo ceangal airson doigh chocaireachd airson cinn-cropaig co-dhiu. Tha e blasda gu leòr.
http://labandaeuropa.wordpress.com/2009 ... cods-head/
Tha ainm orra ann am Beurla ach chan eil
"stuffed fish heads" cho ealanta.
Re: Pasta
Posted: Sun Nov 28, 2010 1:56 pm
by akerbeltz
Ò cha chuir cinn èisg eagal orm, tha mo stamag Cantonese aig a' cheann thall. 'S e dìreach nach toigh leam am blas a dh'fhàgas giùrain air biadh.
Re: Pasta
Posted: Sun Nov 28, 2010 3:46 pm
by GunChleoc
Cò an giùran a bha fa-near dhut?
Re: Pasta
Posted: Sun Nov 28, 2010 6:14 pm
by akerbeltz
LOL na rudan a gheibh thu ann an iasg.