Page 1 of 1

Guthan Bheàrnaraigh

Posted: Mon Nov 29, 2010 12:45 pm
by Gordon Wells
Fàilte chridheil aig na fileantaich air an luchd-ionnsachaidh nam measg: http://guthan.wordpress.com/2010/11/29/ ... ay-voices/

Re: Guthan Bheàrnaraigh

Posted: Mon Nov 29, 2010 8:08 pm
by GunChleoc
Chuir mi seo do charaid agam a bhuineas ri Beàrnaraigh :D

Re: Guthan Bheàrnaraigh

Posted: Mon Nov 29, 2010 10:11 pm
by faoileag
Mòran taing. Tha mi a' dèanamh fiughair ri coimhead air - tha mi an dùil gum bi barrachd ùine agam aig deireadh na seachdaine. :D

Agus bidh mi ga chur seachad air buidhnean, fòraman agus luichd-ionnsachaidh no teagaist eile, mar as àbhaist - goireas uabhasach math. :)

Re: Guthan Bheàrnaraigh

Posted: Wed Feb 16, 2011 10:46 am
by Gordon Wells
Cèilidh eile san aon àite: http://guthan.wordpress.com/2011/02/15/ ... y-singers/

Le cuideachadh do luchd-ionnsachaidh...

Re: Guthan Bheàrnaraigh

Posted: Wed Feb 16, 2011 4:22 pm
by *Alasdair*
Tha mise eòlach air Archie, 's esan a bha gam theagasg na Gàidhlig nuair a bha mi aig an t-Sabhail Mhòir ann an 2008. 'S e fìor dheagh dhuine a th' ann! Tha Gàidhlig anabarrach math aig' - gu math soilleir is siubhalachd.

Re: Guthan Bheàrnaraigh

Posted: Wed Feb 16, 2011 9:13 pm
by faoileag
Abair spòrs - bha mi fhìn a' seinn còmhla! :lol:

Faidhle-fuaim, fonn furasda agus na faclan ann cuideachd: tha sin uabhasach feumail agus spòrsail do chlasaichean, no duine sam bith a tha ag ionnsachadh Gàidhlig na aonar cuideachd. Bheir seo misneachd do luchd-ionnsachaidh leis gu bheil cuid mhòr de na seinneadairean nan oileanach fhèin.

Re: Guthan Bheàrnaraigh

Posted: Fri Feb 25, 2011 5:59 pm
by GunChleoc
Bha seo tlachdmhor, tapadh leat!

Re: Guthan Bheàrnaraigh

Posted: Mon Feb 13, 2012 1:40 pm
by Gordon Wells
Mar a tha clasaichean fhathast ag obair sa choimhearsnachd:

http://guthan.wordpress.com/2012/02/13/ ... -learners/