Dearbhairean-litreachaidh

Pròiseactan mar Google in Your Language, an Uicipeid, Firefox, Thunderbird, Opera, LibreOffice/OpenOffice, phpBB, Scrabble is dearbhadairean / Projects like Google in Your Language, Wikipedia, Firefox, Thunderbird, Opera, LibreOffice/OpenOffice, phpBB, Scrabble and spell checkers
akerbeltz
Rianaire
Posts: 1781
Joined: Mon Nov 17, 2008 1:26 am
Language Level: Barail am broinn baraille
Corrections: Please don't analyse my Gaelic
Location: Glaschu
Contact:

Re: Dearbhairean-litreachaidh

Unread post by akerbeltz »

A thaobh t- n- h- chan eil leasachadh ann gus an ceartaich Mozilla buga a tha sa bhathar-bhog. Duilich.

A thaobh da-rìreamh... tha AFB a' ceadachadh "dha-rìribh, da-rìribh, da-rìreadh, dha-rìreadh" ach chì mi gu bheil e cur loidhne dhearg fo rìreabh/rìribh... tha sin neònach, feumaidh mi sùil a thoirt air. Taing! Agus cuiridh mi às do rìreamh, 's e litreachadh annasach a thig à Dwelly a th' ann. Cumaibh oirbh leis na bugs, a chàirdean, 's nì sinn foirfe e còmhla!


Gràisg
Rianaire
Posts: 1549
Joined: Mon Sep 24, 2007 6:04 pm
Language Level: Caran robach sna laithean seo
Location: Inbhir Narann
Contact:

Re: Dearbhairean-litreachaidh

Unread post by Gràisg »

Mar a chunnacas air An La :)
akerbeltz
Rianaire
Posts: 1781
Joined: Mon Nov 17, 2008 1:26 am
Language Level: Barail am broinn baraille
Corrections: Please don't analyse my Gaelic
Location: Glaschu
Contact:

Re: Dearbhairean-litreachaidh

Unread post by akerbeltz »

Heh, taing son sin, cha robh mi coimhead air na naidheachdan an-dè - ach chunna 'n-dràsta. :D

Feumaidh mi bhith nas fhaiceallaiche leis na h-abairtean fada seo... cuidichidh ... dhut... leotha... argggghhhh
akerbeltz
Rianaire
Posts: 1781
Joined: Mon Nov 17, 2008 1:26 am
Language Level: Barail am broinn baraille
Corrections: Please don't analyse my Gaelic
Location: Glaschu
Contact:

Re: Dearbhairean-litreachaidh

Unread post by akerbeltz »

Facal beag uam air a' chuspair seo... tha tionndadh 2.0 a-muigh, tha e air OpenOffice Extensions mu thràth 's bidh e air Mozilla 's Opera cho luath 's a gheibh iad aonta on luchd-taice aca. Chan e sin a dh'fheumas mìneachadh ge-tà.

B' àbhaist dhuinn an dà chuid stòr-dàta Dwelly agus an Fhaclair Bhig a chreachadh airson freumhan nan dearbhairean. Rinn sinn sin a chionn 's gun robh AFB car beag fhathast aig an àm sin. Thachair dà rud on àm ud - dh'fhàs AFB fada nas motha agus mhothaich sinn, ged a bha sinn a' criathradh a-mach an fheadhainn air an robh sinn eòlach, gun robh uiread a dh'fhaclan ann an Dwelly a bha cho àraidh àrsaidh 's gun robh iad a' cur an dearbhair bhochd tro chèile. Mar eisimpleir, bha cu is ann, sgith is sgìth, gab is gabh agus rudan mar sin.

Cha robh sin cho taiceil ann an dearbhair-litreachaidh agus on a ràinig AFB "inbheachd" gu ìre, chuir sinn romhainn an dearbhair a dhèanamh beagan nas taine ach cuideachd nas glice aig an aon àm. Tha sinn làn-dòchas gum bi e ag obair nas fhearr dhuibhse cuideachd a-nis!
akerbeltz
Rianaire
Posts: 1781
Joined: Mon Nov 17, 2008 1:26 am
Language Level: Barail am broinn baraille
Corrections: Please don't analyse my Gaelic
Location: Glaschu
Contact:

Re: Dearbhairean-litreachaidh

Unread post by akerbeltz »

Dìreach facal beag san dol seachad - tionndadh 2.2 le faclair nas motha agus nas lugha de mhearachdan :naire: Tha e beò air LibreOffice mu thràth, bidh Firefox/Thunderbird greiseag (feumar feitheamh son lèirmheas ann) agus thèid am fear ann an Opera ùrachadh cuideachd. Ma tha e agaibh mu thràth, thèid ùrachadh leis fhèin fhad 's a tha ceangal agaibh ris an lìon.

Chan eil leisgeul ann tuilleadh son uiread a mhearachdan litreachaidh! / No more excuses for that many typos!

Chunna mi dreach dhe na tha Napier a' dèanamh airson Microsoft Office is tha e coimhead math ach chan eil ceann-là agam fhathast.
Post Reply