Page 1 of 1

UHI first HE institution to implement Gaelic Plan

Posted: Wed Dec 08, 2010 1:24 am
by faoileag
http://www.uhi.ac.uk/home/archive_news/ ... 7C+News%29
Excellence
The plan sets out UHI’s aims to become a centre of excellence for the development and enhancement of Gaelic language, culture and heritage. It contains a Gaelic curriculum development section, reflecting the central role for UHI in supporting the aims of the national development agency, Bòrd na Gàidhlig, particularly in relation to education.

UHI already offers unique Gaelic language and Gaelic-medium learning opportunities through courses at Sabhal Mòr Ostaig UHI on Skye and Lews Castle College UHI on Lewis, including the BA Gaelic language and culture, BA Gaelic and development, BA in Gaelic and traditional music, and a diploma in Gaelic media.......

.......Future provision is due to include online delivery of 26 Gaelic degree modules, and new modules in genealogy, theology, language legislation, and history. The UHI plan also covers bi-lingual communications, including the website and publications, signage and corporate identity.

Re: UHI first HE institution to implement Gaelic Plan

Posted: Fri Dec 10, 2010 2:24 pm
by Peairt
A bheil sibh a' smaoineachadh gu bheil e èifeachdach ann an cumadh dealanach?
http://www.uhi.ac.uk/dachaigh/mu-dheidh ... a-gaidhlig

Re: UHI first HE institution to implement Gaelic Plan

Posted: Fri Dec 10, 2010 10:18 pm
by Seonaidh
Chan eil

Re: UHI first HE institution to implement Gaelic Plan

Posted: Mon Dec 13, 2010 12:19 pm
by horogheallaidh
de tha thu a' ciallachadh Peairt ma dheidhinn an cumadh? cha robh mi a' tuigsinn an ceist a bh'agad - duilich :)

Slàinte

Re: UHI first HE institution to implement Gaelic Plan

Posted: Mon Dec 13, 2010 12:42 pm
by Níall Beag
Tha ma creidsinn gur e "electronic format" a tha e a' feuchainn ri radh.

Re: UHI first HE institution to implement Gaelic Plan

Posted: Mon Dec 13, 2010 12:52 pm
by horogheallaidh
Taing dhut Niall - sin a bha mi fhin a' smaoineachadh ach chan eil mi tuigsinn na tha cearr leis? Bi torr daoine a' gearain ma dheidhinn cruth hard copy bho am gu am, so a bheil rudeigin a-nis cearr le cruth dealanaich? :)

obh obh :)

Re: UHI first HE institution to implement Gaelic Plan

Posted: Mon Dec 13, 2010 3:02 pm
by Níall Beag
Óbh-óbh... PDF a-rithist. PDF is a format for print, not on-screen reading!!!!

Re: UHI first HE institution to implement Gaelic Plan

Posted: Mon Dec 13, 2010 3:33 pm
by horogheallaidh
ahhh ceart ma tha - an dreach PDF gad chuir droll :)

aidh 's docha gur e droch webiquette a th'ann ceart gu leor, ach tha snazzy cruth air-loidhne aca cuideachd.

taing airson do chuidich Niall :)

Re: UHI first HE institution to implement Gaelic Plan

Posted: Mon Dec 13, 2010 9:04 pm
by Seonaidh
PDF? Chan eil mi a' creidsinn gur e ceist mu dheidhinn file format a tha seo, ach ceist mu dheidhinn eifeachdachd (no mar eile) poileasaidh Gàidhlig OGE air a làrach-lìn. Chan eil a làrach dà-chànanach gu lèir idir fhathast, ach chan eil mi air mòran adhartais fhaicinn thar nam bliadhnaichean.

Re: UHI first HE institution to implement Gaelic Plan

Posted: Tue Dec 14, 2010 9:18 am
by horogheallaidh
Tha mi a' smaoineachadh gu bheil thu ceart gu leor a Sheonaidh - chan eil moran air tachairt air thaobh arainn da-chananach a' leasachadh taobh a-staigh UHI thar na bliadhnaichean, ach tha sgioba mor aca airson leasachaidhean gaidhlig a' chuir air doigh, agus bu choir diofar a bhith a' tighinn as a sin - sin an duil co dhiu :) Tha e coltach gu bheil trioblaidean ann aig na h-irean as airde air thaobh cuisean Gaidhlig - ged a tha iad deonach gu leor airson Gaidhlig a bhith na phairt dhe gnothaichean UHI, ann am prionsabal, mur eil cruaidh-fheum aige a bhith ann - (mar eisimplear, nuair nach eil e sgriobhte sa targaidean a phlana ghaidhlig aca), fagaidh iad as e - mar sin tha iomadh cothroman air a bhith ann far nach robh sgeul air a Ghaidhlig.

'S docha gur e sin mar a tha e le buidheann no institiud mor ach 's e cothrom air chall a-rithist a th'ann, agus doirbh airson an siostam atharrachadh cuideachd.

Ach air thaobh planaichean Gaidhlig san fharsaingeachd - de cho feumail sa tha iad co dhiu? Nach robh iad a' caineadh am plana aig Comhairle na Gaidhealtachd bho chionn seachdainn no dha? Bha iad ag radh nach bi e comasach a h-uile targaid a' libhrigeadh - agus de mu dheidhinn na companaidhean a tha air plana ghaidhlig a chuir air doigh mar tha agus chan eil fius samhla da-chananach aca?

ach co dhiu - tha mi a' dol 'off on one' a-rithist :)

deagh dhùrachdan :) HoRo

Re: UHI first HE institution to implement Gaelic Plan

Posted: Tue Dec 14, 2010 9:54 am
by Peairt
Bha mi a' ciallachadh 'electronic format'. Bha mi dìreach a' cur an ceist air sgàth 's nach eil iad a' sgaoileadh a' phlana mar leth-bhreac cruaidh agus ga fhoillseachadh air loidhne a-mhàin. Ach tha thu ceart a Sheonaidh: 's e na tha sgrìobhte sa phlana agus eifeachdachd a' phlana an rud as cudthromaiche.

Re: UHI first HE institution to implement Gaelic Plan

Posted: Tue Dec 14, 2010 3:01 pm
by GunChleoc
Bidh e a' dol mar seo le cùmhnant sam bith: mura gabh na daoine ris, cha bhi e èifeachdadh. If people aren't sticking to it, it's not worth the paper it's written on. Ach ma bhios a h-uile duine deònach, thèid a dhèanamh na gabhas a dhèanamh.

Chan eil mi a' dèiligeadh ri UHI fhèin gu tric ach ris an Help Desk bho àm gu àm agus chan eil Gàidhlig acasan. Tha a h-uile rud eadar-dhealaichte aig an t-SMO gu nàdarrach agus deagh Ghàidhlig aig an luchd ICT.

Re: UHI first HE institution to implement Gaelic Plan

Posted: Tue Dec 14, 2010 4:04 pm
by horogheallaidh
agus sin mar bu choir - institiud gaidhlig a tha sin :)