Page 1 of 1

Oraid Rab Dunbar - 14 Dùbhlachd 2010

Posted: Fri Dec 10, 2010 9:35 am
by Gràisg
Gheibhear deasbad air na thuirt Rab anns an sanasachd seo air an t-sreath ' Strì Chulturach'
http://www.foramnagaidhlig.net/foram/vi ... f=3&t=1690


14 Dùbhlachd 2010
An t-Àrd-Ollamh Robert Dunbar
Àrd-Ollamh Rannsachaidh agus Stiùiriche, ‘Soillse’
‘TEÒIRIDH, RANNSACHADH AGUS DROCH-FHACLAN EILE ANN AM POILEASAIDH- AGUS PLANADH-CÀNAIN’


’S e aon dhe na comharran coitcheann de dh’ iomairtean gleidheadh agus ath-bheothachadh mion-cànain an t-àite bunaiteach aig a bheil luchd-strì dìoghrasach annta. Gu tric, ge-ta, chan eil ach beagan eòlais aig na daoine seo air teòiridh agus cleachdadh poileasaidh- agus planaidh-cànain, agus tha fiosrachadh a dhìth orra gus na h-iomairtean leasachaidh aca a dh’ fhiosrachadh agus a stiùireadh. Ged a thèid aig eòlaichean air lèirsinn agus fiosrachadh a thoirt a-steach dha na h-iomairtean seo, tha an càirdeas eadar eòlaichean agus luchd-strì uaireannan doirbh, ri linn caochladh adhbharan a dh’ fhaodamaid an t-ainm ‘connsachadh cultair’ a thoirt orra.

Anns an òraid seo, thèid meòrachadh air na h-innealan teòiridheach a tha a’ buntainn ri poileasaidh- agus planadh-cànain airson mhion-chànanan leithid a’ Ghàidhlig, air an fhiosrachadh air a bheil na h-innealan sin stèidhichte, agus air na feumannan- agus na prìomhachasan-rannsachaidh a tha na h-innealan sin a thogail. An tèid aig teòiridh agus aig rannsachadh air leasachadh poileasaidh agus air cleachdadh a dh’ fhiosrachadh agus a chuideachadh ann an dòighean a leigeas leinn an ‘connsachadh cultair’ a sheachnadh?

Tadhal air ar làrach-lìn airson barrachd fiosrachaidh mun Àrd-ollamh Dunbar agus a' phròiseact Soillse Project
Bheir an t-Àrd-ollamh Dunbar an òraid-inntrigidh aige seachad aig Oifis Stiùiridh UHI air 14 Dùbhlachd, às dèidh cur air bhog oifigeil na pròiseict, bho 4.30f gu 6.30f.

Gheibhear cothrom air an tachartas tro cho-labhairt bhideo agus tha ceanglaichean rim faotainn air feadh a’ chom-pàirteachais.


Tuesday 14 December 2010
Professor Robert Dunbar

Senior Research Professor and Director, ‘Soillse’
‘Theory, research and other dirty words in language policy and planning’



Professor Rob Dunbar presents his inaugural lecture which will be the first in the UHI public lecture series presented fully in Gaelic.
A common feature of minority language maintenance and revitalisation movements is the fundamental role that passionate activists have in them. Frequently, though, they have only a limited background in language planning theory or practice, and a lack of information to inform and to guide their development initiatives. Although specialists can provide insights and knowledge to these movements, the relationship between specialists and activists can at times be difficult, due to a variety of factors which could be summed up by the phrase ‘culture clash’.



In this lecture, the theoretical tools relevant to language policy and planning for minority languages such as Gaelic, the experience on which such tools are based, and the research needs and priorities which such tools help us to define will be considered. Can theory and research inform and support policy making and practice in ways that allow us to avoid the ‘culture clash’?



For more information on Professor Dunbar and the Soillse Project visit our website
Professor Dunbar will present his inaugural lecture at UHI Executive Office on 14 December, after the project's official launch, from 4.30pm - 6.30pm.
The event will be video-conferenced and links are available across the partnership.

Re: Oraid Rab Dunbar - 14 Dùbhlachd 2010

Posted: Fri Dec 10, 2010 1:08 pm
by Gràisg
Bidh mise an làthair. Am bi duine sam bith eile ann?

Re: Oraid Rab Dunbar - 14 Dùbhlachd 2010

Posted: Fri Dec 10, 2010 1:21 pm
by akerbeltz
Chan urrainn ach èistidh mi ris a' chraoladh video, ma gheibh mi greim air a' cheangal..

Re: Oraid Rab Dunbar - 14 Dùbhlachd 2010

Posted: Wed Dec 15, 2010 3:03 am
by Gràisg
Bha mi an làthair nuair a bha Rob Dunbar a’ lìbhrigeadh òraid an-dè. Saoilidh mi gur e prìomh amas a bh’aige eòlas air a roinn fhèin a chur air an fheadhainn eile ann an Oilthigh na Gaidhealtachd taobh a-muigh an roinn Ghàidhlig agus mar sin bhiodh e air a bhith nan naidheachdan inntinneachd dhaibh. Ge-tà ‘s e seòrsa ‘meat and 2 veg’ a bh’ann nan robh beagan eòlais agad air cùisean mu thràth gu h-àraidh nuair a thàinig e gu iomradh air Fishman, Struball agus moran eile a tha ceangailte leis a’ ghnothaich. An robh 16.30 air feasgair Diluain an t-àm as freagarrach gus na Gaidheal ann an Inbhir Nis a’ tarraing dhan òraid? Chunnaic mi moran a bha ag obair làn-ùine ann an saoghal na Gàidhlig ach bha grunn àiteachan ban a dh’fhaodadh feadhainn eile air fhaighinn nan robh cothrom nas fhearr dhaibh nam bheachd-sa. ‘S e feasgar fuar a bh'ann air an taobh a-muigh ach aon uair ‘s gun robh mi am brionn prìomh oifis OGE bha e ro bhlàth nam bheachd-sa gus òraid uair gu leth cluinntinn ach dhan susbaint:

Mar a thuirt Rob air làrach OGE ro-làimh:

"Anns an òraid agam, thèid meòrachadh air na h-innealan teòiridheach a tha a’ buntainn ri poileasaidh agus planadh-cànain airson mhion-chànanan leithid a’ Ghàidhlig, air an fhiosrachadh air a bheil na h-innealan sin stèidhichte, agus air na feumannan agus na prìomhachasan-rannsachaidh a tha na h-innealan sin a thogail. An tèid aig teòiridh agus aig rannsachadh air leasachadh poileasaidh agus air cleachdadh a dh’ fhiosrachadh agus a chuideachadh ann an dòighean a leigeas leinn an ‘connsachadh cultair’ a sheachnadh?"

Saoilidh mi gur ann làidir a bha e air dè tha ag adhbharachd ‘connsachadh cultair’ ach caran lag air ciamar a thoghadh Soillse drochaidean eadar an da champa ach ‘s ann ag amas a tha e a bhith ag obair leis a’ choimhearsnachd san fhairsingeachd. 'S ann mar sin a tha cothrom dha iomairt caran diofraichte a chur air dòigh agus ma sheachadas Soillse iomaigh Tùir Ìbhri àbhaisteachd, uill co aig a tha fios?

‘S ann nuair a bha a chuid fhaclan a’ tighinn gu crìch nuair a chuala mi beagan a bharrachd mu na prìomh amasan rannsachaidh Soillse. Anns na ceanglaichean dealbhan a leanas chi thu an teacsa sa bheurla far a bheil sin ga mhìneachadh – ged a chaidh an òraid ga lìbhrigeadh sa Ghàidhlig cha robh ach teacsa Beurla ri fhaighinn aig an aonad fàilte. Rinn mi clàradh ge-ta agus ma bhios e math gu leòr agus nochdas cothrom dhomh bheir mi sùil air agus cuiridh mi rudeigin an airde.

http://www.flickr.com/photos/61672546@N ... 9/sizes/l/
http://www.flickr.com/photos/61672546@N00/5261902957/

Re: Oraid Rab Dunbar - 14 Dùbhlachd 2010

Posted: Fri Dec 17, 2010 10:46 am
by Gràisg
Thuirt Rob (thall an Facebook) gum bi an teacsa (an dà chuid Gàidhlig agus Beurla) a' nochdadh air Làrach OGE. San eadar-ama ge-tà seo criomag a chuala mise:

"...agus tha cuid de na sgoilearan againne air cliù eadar-nàiseanta air cosnadh mu thràth ach chan eil sin math gu leòr mur a bheil sinn a' cuideachadh ann an ath-leasachaidh na Gàidhlig. Aig deireadh an latha, a dh'aindeoin cho cudromach 's a tha RLS agus a dh'aindeoin cho cudromach 's a tha grantaichean agus duaisean rannsachaidh agus rudan eile, aig deireadh an latha ' s e Gàidhlig as cudromach agus as prìseile agus tha mi an dòchas gum tèid againne air ar cuid sgilean agus ar cuid eòlas a chur gu feum agus a' Gàidhlig a chur air adhart agus a' Ghàidhlig a chumail beò agus tha sinn a' coimhead air adhart ag obair le daoine, cha e dìreach leis na buidhnean ach le daoine sa choimhearsnachd gus seo a thoirt gu buil. "

'S e sin a tha fa-near dha a chàirdean, bhiodh Soillse na bèist caran diofraichte ma soirbheachas e leis a' choimhearsnachd, ma dh'fhaodte gu bheil fiù 's cothrom aig Rob coir drochaid a thogail eadar dà champa, drochaid a dh'fhaodadh moran eile leantainn. Chì sin dè thachras ach bidh e inntinneach a bhith leantainn Soillse agus an cuid obrach aig Rob agus a sgioba gu h-àraidh faighinn a-mach ciamar a tha e airson ‘connsachadh cultair’ a sheachnadh.

Re: Oraid Rab Dunbar - 14 Dùbhlachd 2010

Posted: Fri Dec 17, 2010 1:50 pm
by GunChleoc
Bhiodh seo math dha-rìribh! :D

Re: Oraid Rab Dunbar - 14 Dùbhlachd 2010

Posted: Fri Dec 17, 2010 6:47 pm
by Gràisg