Taic le obair dachaigh sgoile ¦ Support for school homework
Posted: Wed Jan 23, 2008 11:29 am
Hi a chàirdean
Dìreach nota goirid airson fàilt' a chuir oirbh gu seirbheis-taic le obair-dachaigh a tha air a ruith le Storlann.
Ma tha sibh a' strì leis an obair dachaigh 's gun duine ann a chuidicheas sibh ri làimh, na gabhaibh dragh. Tha freagairt againne! Dha-rìreibh!
Airson 2 uair a thìde gach oidhche sgoile lorgaidh sibh sinne ann an Seòmar-còmhraidh air-loidhne airson taic agus cuideachaidh a thoirt dhuibh le ceistean a thaobh obair-dachaigh tro mheadhan na Gàidhlig.
Diluain/ Dimàirt 5.30-7.30f
Diciadain/ Diardaoin 6.00-8.00f
Chuir Stòrlann an t-seirbhis seo air bhog san Dàmhair an-uiridh, ach tha cùisean air a bhith gu math sàmhach chun an seo agus tha sinne airson sin atharrachadh.
Leis an sin, na bithibh a' strì ris! Faighibh ur facail-faire agus ur n-ainmean-cleachdaidh bhon sgoil agaibh agus feuch gun tig sibh a chèilidh oirnn aig http://www.gaelic4parents.com. Buailibh air "Go to homework chat" agus a-rithist air "homework chat" agus bidh sinne an sin airson ur cuideachadh le ceist sam bith a th'agaibh.
Leis gach dèagh dhùrachd,
Anna Màiri & Seumas
Hi there
Just a quick note to say hello and to welcome you to a homework support service which is offered by Stòrlann.
If you're ever really struggling with their Gaelic homework, and despair because you have no-one you can check things out with there and then, well we're your answer! Honest!
For 2 hours each school night we man an ONLINE CHAT ROOM and can provide assistance with any homework questions:
Monday/ Tuesday 5.30-7.30pm
Wednesday/ Thursday 6.00-8.00pm
Stòrlann launched the service in October last year but things have been fairly quiet. We want to change all that.
So don't struggle on. Collect your individual password and log-in details from your school. Then just go to http://www.gaelic4parents.com, click on "Go to homework chat" and then again on "homework chat" and come and visit us!
Anne Marie & Seumas
http://www.gaelic4parents.com
Support Officer
http://www.gaelic4parents.com/community
Tel : 01851 700880 Fax : 01852 700870 Web : http://www.storlann.co.uk