
Tha Opera 11 ri fhaighinn sa Ghàidhlig a-nis agus a-rithist (bha tionndadh Gàidhlig dheth ann gu Opera 5.x). Feumaidh sibh na leanas a dhèanamh:
1) Stàlaich Opera 11 (Beurla)
2) Rachaibh gu http://www.opera.com/download/languagefiles/ 's faighibh am faidhle ouw1100_gd.lng aig Scottish Gaelic > 11.0
3) Sàbhailibh am faidhle. Tha misa 'ga chur ann an Program Files > Opera > locale (far a bheil faidhle na Beurla cuideachd)
4) Tha Installation Instructions air http://www.opera.com/download/languagefiles/ ach tha diofar beag eatarra 's Opera 11, seo dhuibh mìneachadh ùr ma-thà:
5) Briogaibh air Menu > Settings > Preferences > Details > User Interface Language > Select > taghaibh am faidhle ouw1100_gd.lng far an do dh'fhàg sibh e
6) Briogaibh OK.
7) Cha-chinnngggg .... Gàidhlig
Agus gabhaibh mo leisgeul - tha rudan beaga cearr leis an spacing ann an cuid a dh'àitichean agus mearachdan beaga leis a' Ghàidhlig an-siud 's an-seo. 'S e fìor Mharathon a bh' ann agus cha d' fhuair mi cothrom ceartachaidh idir an turas seo ach bheir mi m' fhacal dhuibh gun cuir mi ceart iad!
Gabhaibh tlachd ann!