Page 1 of 1
Guthan nan Eilean: An ath cheum?
Posted: Tue Jan 25, 2011 10:14 am
by Gordon Wells
An ath cheum airson Guthan nan Eilean (no pàirt dheth co-dhiù)..
http://guthan.wordpress.com/2011/01/25/next-steps/
Ma dh'obraicheas seo bhiomaid an dòchas gun tigeadh stuth a bharrachd a-mach às a' choimhearsnachd fhèin - a dh'fhaodadh a bhith feumail do dhaoine ann an àite sam bith...
Ma tha beachdan agaibh, cuiribh thugainn iad...

Re: Guthan nan Eilean: An ath cheum?
Posted: Tue Feb 01, 2011 4:56 pm
by Gordon Wells
Eisimpleir dhe na fainear dhuinn:
http://guthan.wordpress.com/2011/02/01/ ... aptations/
Chan eil ann ach aon eisimpleir ge-tà, well dà 's dòcha...
Re: Guthan nan Eilean: An ath cheum?
Posted: Wed Feb 02, 2011 9:46 pm
by faoileag
Bha mi air na bhideothan a faicinn roihme, ach tha iad misneachail gu dearbh. Bhiodh e glè mhath barrachd dha leithid a dhèanamh sa choimhearsneachd, ma bhios muinntir na sgìre deiseil, deònach agus comasach.
Shaoilinn gum bi, no cuid dhiubh, co-dhiù ; feumaidh gu bheil iad cleachte ris anns an eadar-àm!

Re: Guthan nan Eilean: An ath cheum?
Posted: Thu Feb 03, 2011 1:44 pm
by Gordon Wells
Well, 's e misneachd cnag na cùise ann an iomadach dòigh, nach e? Chan ann a-mhàin airson luchd-ionnsachaidh, ach fileantaich cuideachd.
Agus bhiomaid ag obair le audio agus video - agus fiù's stuth sgrìobhte!

Feumaidh tu tòiseachadh aig an ìre far a bheil na daoine còmhfhurtail. An uair sin faodaidh iad rudan ùra fheuchainn, gus an tèid aca air pròiseactan inntinneach aca fhèin a ghabhail os làimh.
Bha Dòmhnall còir gu math moiteil às an obair a rinn e an seo - le deagh adhbhar!