Clann is Pàrantan a' togail fianais am Port Rìgh

Na tha a' tachairt ann an saoghal na Gàidhlig agus na pàipearan-naidheachd / What's happening in the Gaelic world and the newspapers
Gràisg
Rianaire
Posts: 1549
Joined: Mon Sep 24, 2007 6:04 pm
Language Level: Caran robach sna laithean seo
Location: Inbhir Narann
Contact:

Clann is Pàrantan a' togail fianais am Port Rìgh

Unread post by Gràisg »

"Bheir pàrantan bho cheann a tuath an Eilein Sgitheanaich an cuid chloinne às an sgoil feasgar Diluain airson fianais a thogail an aghaidh ghearradh an luchd-taic clas.

Cruinnichidh iad air beulaibh Taigh na Sgìre ann am Port Rìgh, agus iad feargach gun toir an gearradh droch bhuaidh air foghlam na cloinne.

Bidh coinneamh aig comhailichean an Eilein Sgitheanaich ann am Port Rìgh aig 2:00f.

Tha dragh gu h-àraid mun bhuaidh a bheir na gearraidhean air foghlam tro mheadhan na Gàidhlig, agus pàrantan is eòlaichean a' cumail a-mach gum feum a'
chlann barrachd ùine còmhla ri tidsearan airson bogadh ceart fhaighinn anns a' chànan.

Thèid na pàrantan is a' chlann gu Inbhir Nis Diardaoin gus fianais a thogail taobh a-muigh oifisean na Comhairle agus buill a' deasbad nan gearraidhean."

Tuilleadh air BBC Alba:
http://www.bbc.co.uk/scotland/alba/naid ... room.shtml


Post Reply